Ailean Savage ceum nas fhaisge air ICT a ghabhail thairis

Ailean SavageTùs an deilbh, SNS
  • Air fhoillseachadh

Chaidh Ailean Savage a dhearbhadh mar an tagraiche b' fhàbharaiche airson Caley Thistle a ghabhail thairis.

Chuala coinneamh naidheachd feasgar Diardaoin gun deach ceistean mu iasadan is fearann timcheall air pàirc ICT a rèiteach.

Bha an luchd-rianachd BDO air a ràdh air a' mhìos seo chaidh gun robh na ceistean sin air an cluba a chur "ann an cunnart mòr".

Thàinig adhartas à còmhraidhean às dèidh sin is dhearbh Ailean Savage aig deireadh a' Mhàirt gun robh e air tairgse £800,000 a dhèanamh gus an cluba a ghabhail thairis.

Thuirt Mgr Savage, a bha roimhe na chathraiche air ICT is a tha e air a bhith a' cumail taic-airgid riutha bho chaidh iad ann an rianachd san Dàmhair, gum biodh an tairgse aige air a' bhòrd chun an 11mh den Ghiblean.

Chuala a' choinneamh Diardaoin gu bheil an luchd-rianachd an dòchas gun tèid aonta CVA a-nise a ruighinn an ath-sheachdain is gun tigeadh ICT an uairsin a-mach à rianachd.

Thuirt BDO gu bheil e mar phàirt den tairgse gum faigh Mgr Savage smachd air na h-earrannan uile is gum bi iad fhèin a' sgrìobhadh gu luchd nan earranan a dh'aithghearr.

Thuirt Ailean Savage fhèin gu bheil e air a dhòigh leis a' ghluasad is gu bheil e gu math misneachail gun tèid CVA aontachadh.

"'S e cùis-nàire a bhiodh ann nan rachadh Caley Thistle Inbhir Nis à bith," thuirt e.

"'S e pàirt chudromach den choimhearsnachd a th' ann is cha b' urrainn dhomh leigeil leis a dhol fodha."

Thuirt e gu bheil e 'son siostam òigridh ICT a leasachadh is an cluba a thilleadh chun an Championship.

Tha Mgr Savage ag ràdh cuideachd nach eil e 'son a bhith aig an stiùir san ùine fhada is gu bheil e an dòchas gun tig luchd-gnothaich ionadail eile a-steach le airgead nuair a thig an cluba a-mach à rianachd.