Tagraidhean 'son earrann eile den A9 a dhèanamh dà-fhìllte
![A9](https://ichef.bbci.co.uk/ace/standard/577/cpsprodpb/23fa/live/8d155230-fbf8-11ee-bac1-5be1486bafa5.jpg)
- Air fhoillseachadh
Dhearbh Còmhdhail Alba Dimàirt gu bheil iad a' lorg tagraidhean 'son an ath phìos den A9 a dhèanamh dà-fhillte eadar Baile an Luig agus far a bheil an rathad a' dol tarsainn Abhainn Tatha.
Bidh an cùmhnant luach £155m a' toirt a-steach an dà chuid, dealbhachadh agus obair-togail.
Thèid timcheall air 5 mìle de rathad singilte a dhèanamh dà-fhìllte a' tòiseachadh tuath air Drochaid an Iùbailidh tarsainn Abhainn Tatha, suas gu Baile an Luig.
Tha an cùmhnant airson na h-obrach eadar An Tom Aiteann agus A' Mhoigh a-mach gu tairgse an-dràsta agus tha dùil gun tèid companaidh fhastadh air a shon tràth as t-samhradh am-bliadhna, le obair-togail a' tòiseachadh goirid an dèidh sin.
'S ann as t-samhradh an ath-bhliadhna a tha iad an dùil a thèid am proiseact eadar Baile an Luig agus Abhainn Tatha a thòiseachadh.
Gealladh
Aig an ìre-sa tha 35% den A9 eadar Peairt agus Inbhir Nis dà-fhìllte agus chuir Rùnaire na Còmhdhail, Fiona Hyslop fàilte air an naidheachd gu bheil piseach a' tighinn air cùisean.
"Thug an riaghaltas seo gealladh seachad gum biodh an A9 dà-fhillte eadar Peairt agus Inbhir Nis agus tha sinn an dùil gun tachair sin ron bhliadhna 2035.
"Leis an fhiosrachadh a chaidh a sgaoileadh an-diugh tha e a' sealltainn gu bheil piseach a' tighinn air a' ghnothach 's tha sinn fhathast an dùil cùmhnant a thoirt seachad airson a' phroiseict eadar a' Mhoigh agus An Tom Aiteann aig toiseach an t-samhraidh", thuirt i.
Càineadh
Chaidh càineadh làidir a dhèanamh air an riaghaltas leis an iomadach dàil a tha air a bhith ann, ann a bhith a' leasachadh an A9 agus an àireamh dhaoine a tha a' call am beatha no air an goirteachadh ann an tubaistean air an rathad, air a dhol suas gu mòr thairis air an fhichead bliadhna dh'fhalbh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh12 An Giblean 2024