Càineadh às ùr mun A9

A9Tùs an deilbh, Reuters
  • Air fhoillseachadh

Thuirt Comann Einnseanairean Togail na h-Alba gun robh fios aca bho chionn iomadh bliadhna nach gabhadh an deit airson an A9 a dhèanamh dà-fhillte a choileanadh.

Bha Riaghaltas na h-Alba air gealltainn bho thùs gun rachadh an obair eadar Peairt is Inbhir Nis a dhèanamh ro 2025.

Bha ceistean mòra mun sin ge-tà, is dh'aidich an riaghaltas anns a' Ghearran nach biodh e comasach.

Dh'innis Ministear na Còmhdhail aig an àm, Jenny Gilruth, gun tug Covid, Brexit, is cogadh na h-Ucràin buaidh air a' phròiseict.

Tha Comann Einnseanairean Togail na h-Alba a-nise ag ràdh gun robh e foilleasach bliadhnaichean air ais nach gabhadh targaid an riaghaltais a choileanadh.

Clàr-ama an A9

Dh'innis iad gun robh adhartas na h-obrach air a bhith "glacial".

Thuirt iad cuideachd gu bheil iad den bheachd gur e Còmhdhail Alba "a’ bhuidheann as miosa anns an Rìoghachd Aonaichte airson a bhith ag obair còmhla riutha".

Tha cuideam mòr air a bhith a' dol air an riaghaltas clàr-ama ùr fhoillseachadh 'son obair-leasachaidh an A9.

Thuirt an riaghaltas sa Chèitean gu bheil làn dùil aca an A9 eadar Peairt is Inbhis Nis a dhèanamh dà-fhillte is gu bheil dùil gun tèid fiosrachadh ùr a thoirt seachad sa phàrlamaid as t-fhoghar.

Tha iad ag ràdh cuideachd gu bheil iad a' beachdachadh air atharrachadh a dhèanamh air mar a tha iad a' cur chùmhnantan a-mach gu tairgse.