Mì-thoileachas an Àird Ghobhair 's Aiseag a' Chorrain dheth a-rithist

MV Maid of Glencoul
Fo-thiotal an deilbh,

Tha an MV Maid of Glencoul fo chàradh bhliadhnail, ach tha an MV Corran, as àbhaist a bhith air an t-slighe, briste aig a' cheart àm

  • Air fhoillseachadh

Tha coimhearsnachdan ann an Àird Ghobhair ag ràdh gu bheil iad air briseadh-dùil eile fhulang, agus aiseag a' Chorrain ga chur dheth a-rithist.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil am bàta-aiseig àbhaisteach, an MV Corran, a' fulang le trioblaidean teicniceach, agus gu bheil obair-càraidh bhliadhnal ga dèanamh air an t-soitheach eile a bhios a dol air an t-slighe, an MV Maid of Glencoul.

B' fheudar an MV Corran a thoirt far na slighe air an deireadh-sheachdain nuair a thàinig trioblaidean am bàrr leis an t-siostam stiùiridh.

Thuirt a' Chomhairle gun tèid a càradh cho luath 's a ghabhas, ach anns an eadar-ama nach eil bàta aca a chuireas iad air an t-seirbheis.

Bha dùil aig Rùnaire na Còmhdhail, Fiona Hyslop, coinneachadh ri muinntir Àird Ghobhair oidhche Mhàirt airson an t-seirbheis a dheasbad, ach chaidh sin a chur dheth ri linn Stoirm Floris.

'S e buille eile a tha seo do mhuinntir na sgìre, a rèir Jef Forrester, a tha na bhall den bhuidhinn-iomairt Aiseag Chaol a' Chorrain.

"Dh'fhaodadh daoine a ràdh 'uill, roghnaich sibh fuireach an sin'," thuirt e.

"Seadh, tha sin ceart. Ach aig deireadh an là tha sinn a' roghnachadh fuireach an seo le seirbheis a chaidh a thoirt seachad airson ceangal a thoirt dhuinn.

"Tha an cion-maoineachaidh bho Chomhairle na Gàidhealtachd, agus airson an fhìrinn innse, an cion-comais a thaobh mar a tha iad air an gnothach a làimhseachadh - nan robh seo ann an Inbhir Nis bha an t-aiseag sin air falbh o chionn fhada 's bha ceangal stèidhichte air a bhith ann."

Tòisichidh an obair-càraidh air an MV Corran Diardaoin, thuirt a' Chomhairle, a tha ag ràdh cuideachd gu bheil plana tuiteamais aca air eagal 's gun toir sin nas fhaide na thathas an dùil.