Planaichean an Àth Leathainn gan taisbeanadh

An t-Àth LeathannTùs an deilbh, Getty
  • Air fhoillseachadh

Gheibh muinntir an Àth Leathainn cothrom Diardaoin sùil a thoirt air planaichean 'son sgoil ùr a thogail sa bhaile.

Tha gearanan air a bhith ann fad iomadh bliadhna mu dhroch staid na sgoile a th' ann le casaidean gun robh i na "cùis-nàire", na cùis-èiginn", is nach bu chòir a bhith a' teagasg cloinne innte anns an 21mh Linn.

'S iomadh maill a chaidh air planaichean 'son sgoil ùire ged a gheall Riaghaltas na h-Alba taic ann an 2020, is iomairt nam pàrantan air tòiseachadh grunn bhliadhnaichean ron sin.

'S e an suidheachadh as ùire gu bheil maoineachadh airson a' phròiseict sa phrògram ùr chalpa còig bliadhna ris an do dh'aontaich Comhairle na Gàidhealtachd san t-Sultain an-uiridh.

Thèid na planaichean a thaisbeanadh Diardaoin is feadhainn bhon sgioba dealbhachaidh, oifigich na comhairle, is luchd-obrach na sgoile gu bhith an làthair.

Gheibh a' choimhearsnachd cuideachd cothrom am beachd a thoirt seachad air na planaichean.

A thuilleadh air an sgoil fhèin, chaidh buidheann coimhearsnachd a chur air dòigh feuch maoineachadh a bharrachd fhaighinn gus goireasan ùra spòrs a stèidheachadh ri taobh na sgoile ùire.

Thuirt an comhairliche Sgitheanach Iain Fionnlastan, a tha cuideachd na chathraiche air comataidh foghlaim Comhairle na Gàidhealtachd, gur e "clach-mhìle mhòr" a th' ann do phròiseact na sgoile gu bheil na planaichean gan taisbeanadh.

Tha an comh. Fionnlastan ag ràdh gu bheil e cuideachd glè chudromach gun tèid goireasan ùra spòrs a chruthachadh.

"Daoine òga ann an ceann a deas an eilein, feumaidh iad siubhal airson cha mhòr dà uair a thìde ma tha iad 'son a dhol an sàs ann an gnothaichean taobh a-muigh na sgoile is rudan mar bhall-coise a chluich, oir tha e glè thric a' tachairt air a' phàirce phlastaig ann am Port Rìgh

"Tha obair mhòr a' dol air adhart am measg na h-òigridh san Àth Leathann agus 's e call mòr a th' ann nach eil na goireasan againn ann an ceann a deas an eilein.

"Bheireadh e cruth-atharrachadh air gnothaichean do dhaoine aig gach aois nam faigheadh sinn sgoil ùr agus hub coimhearsnachd le goireasan spòrs", thuirt e.

Bidh an tachartas ann an Talla an Àth Leathainn Diardaoin eadar 3f is 7f.