Beachdan gan sireadh air Bile nan Cànanan Albannach
- Air fhoillseachadh
Tha beachdan gan sireadh air Bile nan Cànanan Albannach mar phàirt de sgrùdadh aig tè de chomataidhean Holyrood air a' bhile.
Chaidh am bile, taobh a-muigh fhoillseachadh le Riaghaltas na h-Alba aig deireadh na Samhna.
Am measg eile, tha e a' gealltainn inbhe oifigeil dhan Ghàidhlig agus Albais agus foghlam Gàidhlig a neartachadh.
Bheireadh e cothrom cuideachd do chomhairlean ionadail sgìrean sònraichte ainmeachadh far am faodadh a' Ghàidhlig tuilleadh taic fhaighinn, ged a thog draghan mar-thà nach eil mìneachadh gu leòr ann air dè dìreach a bhiodh sin a' ciallachadh.
A-nise tha Comataidh an Fhoghlaim, na Cloinne is nan Daoine Òga ann am Pàrlamaid na h-Alba air an sgrùdadh acasan air a' bhile a thòiseachadh.
Mar phàirt den sin, tha iad a' sireadh bheachdan bhon phoball air a' bhile.
Tha a' cho-chomhairle a-nise fosgailte is dùinidh e air an 8mh là den Mhàrt.
Thuirt tè-ghairm na comataidh, Sue Webber BPA, gun toir am bile buaidh air coimhearsnachdan air feadh na dùthcha.
Thuirt i gu bheil a' chomataidh gu mòr airson cluinntinn bhon phoball, buidhnean poblach, is buidhnean eile.
Faodar beachd a thoirt seachad an seo , taobh a-muighagus an seo, taobh a-muigh.