Dùil ri iarrtas dealbhachaidh airson Spiorad na Mara

Tuath-gaoithe aig muirTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Thèid iarrtas cead-dealbhachaidh airson na tuath-gaoithe mòire a tha san amharc far chosta siar Leòdhais - Spiorad na Mara - a chur a-steach ro dheireadh na bliadhna a rèir stiùiriche a' phròiseict.

Tha Màrtainn Whyte cuideachd ag ràdh gun tèid toraidhean na dàrna co-chomhairle agus a' mheasaidh a rinnear air buaidh an sgeama fhoillseachadh sna seachdainnean ri thighinn.

Chaidh dragh mòr a nochdadh sa choimhearsnachd mun leasachadh.

Chaidh molaidhean a chur air beulaibh na coimhearsnachd aig còig tachartasan ionadail san Ògmhios, agus mhair co-chomhairle air-loidhne fad mìos cuideachd.

"Thàinig sinn air adhart leis na h-uimhir de dh'atharrachaidhean a thug sinn air a' phròiseact, rudan leithid far am biodh na crainn, na bhiodh ann dhiubh agus am meud," thuirt Mgr Whyte.

"Thadhail mu 150 duine oirnn gu pearsanta thairis air na còig tachartasan, 's thadhail mu 1,200 air an taisbeanadh air-loidhne, 's chaidh mu 300 freagairt a chur thugainn gu seo."

Taisbeanadh air-loidhne
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh taisbeanadh a dhèanamh air-loidhne fad mìos air an do thadhail mu 1,200 duine

Tha Mgr Whyte ag ràdh gun do rinn iad tuilleadh rannsachaidh air mar a 's urrainn dhaibh buannachd a thoirt do na coimhearsnachdan.

Gheall a' chompanaidh roimhe gum biodh buannachd £4.5m sa bhliadhna ann dhan choimhearsnachd nan deadh am pròiseact air adhart.

Dh'fhaodadh nach e an Taobh Siar a-mhàin a gheibh buannachd ge-tà, an dèidh co-chomhairle neo-eisimeilich a rinnear feuch mar a chuirte an t-airgead sin an sàs.

"Ach tha cuideachd an dàrna pàirt den aithisg sin, a tha a' coimhead ri mar a dh'fhaodamaid 's dòcha cothroman nas fharsainne a thoirt don chòrr den eilean agus na h-Eileanan Siar gu lèir," thuirt Mgr Whyte.

Tha dùil cuideachd gun tèid barrachd fhiosrachaidh bho mheasaidhean a rinnear air buaidh a' phròiseict ann an seagh fharsainn a sgaoileadh nas fhaide den bhliadhna.