MV Arrow fo chùmhnant aig CalMac

MV Arrow aig calaTùs an deilbh, IOMSPC
Fo-thiotal an deilbh,

'S i an MV Arrow soitheach-taice bathair Eilein Mhanainn

  • Air fhoillseachadh

Tha Caledonian Mac a' Bhriuthainn air an MV Arrow fhastadh fo chùmhnant airson seòlaidhean bathair air aiseag Steòrnabhaigh fhad 's a tha an MV Loch Seaforth ga càradh.

Bidh an soitheach, a bhuineas don Isle of Man Steam Packet Company, a' seòladh tron oidhche air an t-slighe eadar Steòrnabhagh agus Ullapul bhon 19mh là den Dàmhair gus an till an Loch Seaforth bho a càradh bhliadhnail mun 15mh là den t-Samhain.

Bidh an MV Arrow mar as trice ag obair mar shoitheach-taice bathair do dh'Eilean Mhanainn.

Bidh an MV Isle of Lewis a' gabhail àite an Loch Seaforth airson seòlaidhean luchd-siubhail thairis air an aon àm.

Thuirt CalMac gu bheil an ceum seo a' ciallachadh nach fheum iad an MV Hebrides no an MV Isle of Arran a ghluasad chun na slighe, a' fàgail an MV Hebrides air aiseag Ùige.

"Tha a bhith a' cleachdadh an MV Arrow san dòigh seo a' ceadachadh dhuinn seòlaidhean bathair agus luchd-siubhail a chumail a' ruith gun buaidh a thoirt air a' chòrr den lìonra," thuirt labhraiche do ChalMac.

"Tha e cuideachd a' neartachadh an lìonra air thoiseach air seusan riaslach a' Gheamhraidh."

Nuair a thilleas an MV Isle of Arran bho a càradh bhliadhnail air an 21mh là den Dàmhair thèid aice air taic a thoirt do shlighean eile, a thuilleadh air an MV Alfred agus an MV Caledonian Isles a-niste air ais ann an seirbheis.

Thuirt CalMac gum foillsich iad fiosrachadh a bharrachd mun taic sin nuair a tha e air a dearbhadh.