"Tha seo coltach ris an Nollaig sa Ghiblean"

- Air fhoillseachadh
Chuir luchd-gnothachais Uibhist a Deas fàilte air gealltannas Riaghaltas na h-Alba gum bi maoineachadh ann sa bhuidseat an ath-bhliadhna airson bàta-aiseig ùr a chur a-mach gu tairgse.
Thàinig an dearbhadh bho Rùnaire na Còmhdhail, Fiona Hyslop, Dimàirt aig coinneimh a ghairm buidheann de luchd-gnothachais an eilein a bha a' gearan mu bhuaidh suidheachadh nan aiseagan orra.
Tha dìth shoithichean mòra ann an cabhlach ChalMac air bualadh gu sònraichte air Uibhist a Deas; chan eil seirbheis air a bhith ann eadar Malaig agus Loch Baghasdail am-bliadhna agus cha ghabh am bàta dhan Òban a tha gam frithealadh an-dràsta ach 45 luchd-siubhail.
Mar sin, 's e gàirdeachas a rinn iad nuair a chuala iad gealltanas a' mhinisteir gum bi airgead ann airson an cuideachadh le buaidh mì-chinnt nan aiseagan a bharrachd air maoineachadh airson soithich ùir agus airson obair air cidhe ùr aig Gàsaigh a thoirt air adhart, mar a dh'iarr iad.
"Tha seo coltach ris an Nollaig sa Ghiblean," thuirt John Daniel Peteranna bho Bhuidheann Buaidhe Gnothachais Uibhist a Deas.
"Tha sinn cho toilichte gu bheil boillsgeadh dòchais againn an dèidh chùisean a bhith cho doirbh."

Thuirt John Daniel Peteranna gun robh iad air am misneachadh leis an taic a gheall an riaghaltas dhaibh
Ged a chuir am BP Làbarach airson nan Eilean Siar, Torcuil Crichton, fàilte air an "airgead dìoghlaidh" a gheall Ms Hyslop thuirt e gur e "nàire a thug air an riaghaltas sin a dhèanamh".
"Tha mi toilichte gu bheil am ministear air thighinn an seo agus stiùir agus feallsanachd às ùr a thoirt dhuinn ach chan e iadsan a ghabhas an t-uallach airson na seirbhieis agus airson nan soithichean."
Tha Mgr Crichton airson agus gum bi crathadh air na buidhnean ris a bheil seirbheisean agus goireasan aig na cidheachan an urra.
"Chanainn gum bu chòir dha na daoine sin a bhith air a sguabadh a-mach, CalMac agus CMAL a chur còmhla ann an aon chompanaidh, companaidh a tha a' toirt seirbheis do luchd-siubhail agus chan e seirbheis a tha a' toirt seirbheis dhan chompanaidh fhèin."

Nochd dragh nach bi fuasgladh ann do shuidheachadh nan aiseagan an Uibhist a Deas sa gheàrr-ùine
A' bruidhinn air Aithris na Maidne madainn Diciadain thuirt Cathraiche Comataidh Còmhdhail Comhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan, gun robh e toilichte le buil na coinneimh.
Ge-tà, nochd e dragh nach eil fuasgladh gu bhith ann do shuidheachadh nan aiseagan an Uibhist a Deas ann an ùine nach bi fada.
"Tha sinn a' coimhead air dhà no trì bliadhnaichean co-dhiù agus tha na duilgheadasan gu ìre a' dol a leantainn.
"'S e naidheachd mhath a bh' ann ach 's e ciamar a dhèiligeas sinn ris na duilgheadasan a bhiodh ann san eadar-ama, sin an dragh a th' air gu leòr," thuirt Mgr Robasdan.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadhBho chionn 4 làithean