Co-ionnanachd, neo-ionnanachd is foghlam Gàidhlig

  • Air fhoillseachadh
Clas
Fo-thiotal an deilbh,

Tha luchd-iomairt air fàilte a chur air gluasadan le foghlam Gàidhlig anns na làithean mu dheireadh.

Thathar ag ràdh gun togar càrn mòr le clachan beaga.

Ma tha sin fìor, dh'fhaodadh gu bheil feadhainn - 's dòcha nach beag sin - a nochd anns na làithean mu dheireadh gus càrn na Gàidhlig a neartachadh anns na bliadhnaichean ri tighinn.

Nochd dearbhadh an toiseach gun tèid aonad Gàidhlig a stèidheachadh as t-samhradh aig Bun-sgoil Whitehirst Park ann an Cill D' Fhinnein.

Ceum air adhart gu h-ionadail ann an Siorrachd Adhair a Tuath far nach robh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig thuige seo.

Clach-mhìle gu nàiseanta is còirichean ann an Achd an Fhoghlaim gus foghlam tro mheadhan na Gàidhlig fhaighinn air an cleachdadh 'son a' chiad turas.

Chan eil sin ag ràdh nach bi cnapan-starra ann fhathast ann an Siorrachd Adhair a Tuath fhèin is sgìrean eile, ach tha an t-slighe a-nise air a comharrachadh.

Fàs

Cha robh e na iongnadh gur ann air Ghalldachd a chaidh na cumhachdan ùra a chur gu feum.

Tha fàs mòr a' leantainn ann am foghlam Gàidhlig ann an Glaschu is Dùn Èideann gu sònraichte, aig an dearbh àm 's a tha ceistean air a bhith ann mu adhartas le foghlam sa chànan anns na sgìrean far an robh i gu tradiseanta gu math làidir.

Bha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh nach robh dùil aca sgoiltean Gàidhlig a chruthachadh.

Tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid den bheachd gur dòcha gun tigeadh sgoil Ghàidhlig gu bith san sgìre - ach uaireigin san àm ri teachd.

Agus tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gum bi e duilich dhaibh sgoiltean Gàidhlig a bharrachd a stèidheachadh.

Chan e sin deireadh a' ghnothaich ge-tà.

Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh
Fo-thiotal an deilbh,

Dh'fhosgail Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh an 2018, ach tha ceistean an tig sgoiltean Gàidhlig eile air a' Ghàidhealtachd.

Connspaid

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd ann an litir gu BPA gu bheil an taic a tha foghlam Gàidhlig a' faighinn mì-chothromach, is cothrom aig clann na Gàidhlig air goireasan, uidheamachd is eile nach eil aig clann na Beurla.

Bha farpaisean spòrs do chloinn le Gàidhlig "a' brosnachadh neo-ionnanachd".

Cainnt nach do chòrd ri gu leòr agus a chuir an ceòl air feadh na fidhle.

Ged a thuirt Comhairle na Gàidhealtachd às dèidh làimhe nach robh am poileasaidh Gàidhlig aca air atharrachadh, bha cuid ann a bha a' faicinn a' ghnothaich mar bhuille mhòr dhan chànan ann an àite far am biodh dùil ri taic an ìre mhath làidir dhi.

Agus 's e sin a dh'fhàg an gluasad mòr eile anns na làithean mu dheireadh cho buileach inntinneach.

Bha aithisg air nochdadh bho Chomhairle nan Eilean Siar faisg air deireadh na bliadhna an-uiridh - cha mhòr gun fhiosda do dhaoine a rèir choltais - a bha a' moladh gum biodh pàistean ann an Clas 1 a' dol gu foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, mura biodh iarrtas air a dhèanamh gur ann gu foghlam Beurla a rachadh iad.

Buannachdan

Bhiodh seo a' dol calg-dhìreach an aghaidh mar a tha cùisean air a bhith ag obair anns na h-Eileanan thuige seo.

A-nise tha dearbhadh ann gur e sin a thachras agus gun tòisich e às t-samhradh seo fhèin.

Ann an litir do phàrantan, thuirt Ceannard Foghlaim Comhairle nan Eilean Siar, Bernard Siosalach, gu bheil iad airson is gum bi "buannachdan dà-chànanas aig gach pàiste".

Dh'fhaodadh tu a ràdh gur e clach bheag a bha seo a thàinig às an adhar.

Do luchd-iomairt a tha uaireanan air poileasaidhean foghlam Gàidhlig Comhairle nan Eilean Siar a cheasnachadh, 's e clach mhìorbhaileach a bh' ann.

Tha ceistean a' tighinn na cois, tha fios.

Sgoil Uibhist a Tuath
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil iad airson is gum bi buannachdan dà-chànanas aig pàistean san sgìre.

Deasbad

Tha a' chomhairle fhèin ag aideachadh gum bi feum air buannachdan FTMG a mhìneachadh do chuid do phàrantan.

Mìneachadh ann no às, cha chuir a h-uile duine aca fàilte air a' ghluasad.

Le fàs thig dùbhlain, is ged a tha a' chomhairle a' cumail a-mach gu bheil tidsearan Gàidhlig gu leòr aca, dh'fhaodadh fhathast gum bi trioblaid an sin.

Agus ma tha a' chomhairle ag iarraidh "buannachdan dà-chànanas" do gach pàiste anns na h-eileanan, bidh cuid a' faighneachd nach eil sin cuideachd a' ciallachadh gum bu chòir seirbheisean dà-chànanach a bhith aca aig gach ìre de dh'obair an ùghdarrais?

A thuilleadh air sin, tha aithneachadh ann le cànan sam bith nach dèan foghlam leis fhèin an gnothach.

Ceistean a tha sin 'son là eile.

Briathrachas

Gu follaiseach 's e ceum mòr air adhart a tha seo dhan Ghàidhlig anns na h-Eileanan an Iar.

Fhad 's a bha Ceannard e-Sgoil, Aonghas MacIllinnein, a' mìneachadh a' ghnothaich air Aithris na Maidne, bha e doirbh cuideachd gun smaointinn air a' bhuaireadh le Comhairle na Gàidhealtachd an-uiridh agus a' chainnt a bha air a cleachdadh.

Mhìnich Mgr MacIllinnein gun robh, thuige seo, còrr is 50% de chloinn nan Eilean Siar ann an Clas 1 a' dol gu foghlam Beurla, is mar sin dh'fheumadh pàrantan a bha ag iarraidh foghlam Gàidhlig an leithid sin iarraidh.

A-nise le còrr is 50% a' dol taobh na Gàidhlig, bha e nàdarra gu leòr gum feumadh an gnothach atharrachadh ri linn.

"Air dòigh 's e co-ionnannachd a th' ann," thuirt e.

Co-ionnanachd is neo-ionnanachd is dà chomhairle, a rèir choltais, air slighean eadar-dhealaichte a thaobh na Gàidhlig.