Taic do Bhile nan Cànanan Albannach le draghan na cois
- Air fhoillseachadh
Chuir buill Holyrood taic ri Bile nan Cànanan Albannach aig a' chiad ìre, ged a chaidh draghan a thogail mu dè cho èifeachdach 's a tha am bile mar a tha e.
Chaidh am bile fhoillseachadh bho thùs ann an 2023 is Riaghaltas na h-Alba am measg eile a' cur romhpa inbhe oifigeil a thoirt don Ghàidhlig agus do dh’Albais, agus cothrom a thoirt do chomhairlean ionadail sgìrean sònraichte ainmeachadh far am faodadh a' Ghàidhlig tuilleadh taic fhaighinn.
Tha draghan gu leòr air a bhith ann mun bhile ron seo.
Tha cuid mì-thoilichte nach eil còir air foghlam Gàidhlig ann, rud a tha luchd-iomairt air a bhith ag iarraidh bho chionn fhada.
Chaidh beachd a nochdadh cuideachd nach eil mìneachadh gu leòr air a bhith ann gu ruige seo mu ciamar dìreach a dh'obraicheadh gnothaichean a tha sa bhile, le ceist gu h-àraidh mu na "sgìrean cànain sònraichte".
A thuilleadh air sin, tha deasbad air a bhith ann mu ciamar a ghabhas leasachaidhean a chur an sàs gun an tuilleadh maoineachaidh.
Thog Comataidh an Fhoghlaim, na Cloinne 's nan Daoine Òga aig Holyrood fhèin draghan is iad ag ràdh "nach eil Bile nan Cànanan Albannach a' dèiligeadh ris na dùbhlain a tha mu choinneimh na Gàidhlig".
Dh'iarr aona eòlaiche dàil a chur air a' bhile is an t-Oll Conchúr Ó Giollagáin ag ràdh nach dèan e feum do choimhearsnachdan far a bheil a' Ghàidhlig air a bhith làidir gu traidiseanta.
A' fosgladh an deasbaid Dimàirt, taobh a-muigh, thuirt an Leas-Phrìomh Mhinistear, Ceit Fhoirbeis, gur e amas a' bhile "atharrachaidhean susbainteach a chur an sàs às dèidh bhliadhnaichean de mhilleadh is crìonadh".
"Chan eil sinn gar mealladh fhèin a thaobh na bhios a dhìth, chan eil sgleò air ar leirsinn nuair a thig e gu fìrinn an t-suidheachaidh, agus chan eil sinn airson is gun lean cùisean dìreach mar a tha", thuirt i.
Bidh am bile air soirbheachadh, thuirt a' Bh.Ph. Fhoirbeis, ma bhios e comasach do neach tighinn beò tro mheadhan na Gàidhlig san sgìre ionadail aca, agus ma sheallas an ath chunntas-sluaigh nach eil an cànan a' crìonadh tuilleadh anns na sgìrean traidiseanta far a bheil an cànan fhathast ga bruidhinn.
Feumaidh na sgìrean sin a bhith làidir, thuirt i, ma tha an cànan gu bhith beò.
Ach nochd ceistean gu leòr bho na pàrtaidhean dùbhlanach tron deasbad.
Thuirt Sue Webber BPA, Neach-gairm Comataidh an Fhoghlaim, na Cloinne agus nan Daoine Òga, a-rithist gu bheil a' chomataidh a' cur taic ri prionnsabalan a' bhile, ach nach toir e "buaidh ro mhòr idir" air cùisean mar a tha e.
Chaidh Liam Kerr bho na Tòraidhean nas fhaide is e ag ràdh gu bheil feum air "obair-lannsa raidigeach" a dhèanamh air a' bhile.
"Bha aithisg an t-seachdain seo a thaobh mar a tha riaghaltas an SNP air fàiligeadh tric is minig air na planaichean is poileasaidhean aca a thoirt gu buil - is mar a tha iad air fàiligeadh measadh a dhèanamh air cho èifeachdach 's a tha an reachdas aca.
"Tha an t-eagal orm gur e sin a thachras leis a' bhile seo cuideachd".
Thog Mìcheal Marra bho na Làbaraich air a' chunntas-sluaigh is ceistean mu na sgìrean traidiseanta.
Thuirt Mgr Marra gur e bile truagh a th' ann, is nach bu chòir dhan riaghaltas fàs ann an àireamhan luchd-labhairt ann an Alba gu lèir a chleachdadh gus suidheachadh "èiginneach" a' chànain anns na sgìrean traidiseanta a chleith.
Chan ionnan luchd-labhairt ann am meadhan na h-Alba, cuid nach eil aig ìre, ri feadhainn aig an robh an cànan bho thùs ann an sgìrean air a' chosta an iar, thuirt Mgr Marra.
Bhon Phàrtaidh Uaine, thuirt Ross Greer gu bheil miann ann "rudeigin a chruthachadh a bheireadh cruth-atharrachadh" air suidheachadh na Gàidhlig agus Albais.
Cha dèan am bile sin mar a tha e, thuirt Mgr Greer, ach thuirt e gu bheil cothrom aig buill a neartachadh anns na mìosan ri thighinn.
Chaidh taic a chur ris a' bhile air a' cheann thall is Ceit Fhoirbeis ag ràdh gu bheil an Riaghaltas "ag aithneachadh gum feum sinn a dhol nas fhaide is nas luaithe ma tha an cànan gu bhith buan.
"Tha sinn a' coimhead ri dòighean gus obrachadh thar-phàrtaidh gus am bile seo a neartachadh aig an dàrna ìre agus dèanamh cinnteach gum bi Gàidhlig agus Albais air am bruidhinn anns na sgìrean traidiseanta aca, agus aig an aon àm a' cur ri fàs a tha sinn a' faicinn ann an sgìrean eile air feadh na dùthcha".
Thuirt i gum bi e comasach am bile a leasachadh agus dòighean a lorg barrachd maoineachaidh fhaighinn, ma 's e sin a tha a dhìth.
Tha dùil ris a' bhòt mu dheireadh air a' bhile sa bhliadhn' ùir.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh1 An Cèitean