Buidseat Chomhairle nan Eilean Siar ga dhearbhadh

- Air fhoillseachadh
Dearbhaidh Comhairle na Eilean Siar am buidseat aca Dimàirt airson na bliadhna ionmhais a tha romhainn.
Tha aig an t-ùghdarras ionadail ri £4m de shàbhalaidhean a dhèanamh.
Am measg eile, tha moladh ann cìs na comhairle a chur suas 8%.
Tha aithisg a tha dol air beulaibh Chomataidh Poileasaidh agus Stòrais na Comhairle feasgar ag ràdh gum faodadh sin suas ri £1.2m a chur ris a' bhuidseat aca.
Tha CnES air dearbhadh gun teid £2m a thoirt bhon chùl-stòr ionmhasail aca agus tha an t-ùghdarras ionadail air a ràdh ron seo gur e seo an turas mu dheireadh as urrainn dhaibh sin a dhèanamh.
Bidh mu £300,000 a' tighinn bho storas Oighreachd a' Chrùin agus beagan a bharrachd air £1m de ghearraidhean ann an seirbheisean eadar-dhealaichte.
Leis a' chuideam a tha air ùghdarrasan ionadail san là a th' ann, tha iad a' faireachdainn nach eil dol às aca ach àrdachadh mòr a thoirt air a' chìs-chomhairle.
Dh'innis CnES do BhBC Naidheachdan roimhe gun àrdaich iad sin 8%.
Tha ge-tà an Comh. Frances Mhoireach air atharrachadh a chur air adhart nach tèid a' chis-chomhairle an àirde ach 7.5%.
Tha fear-gairm na Comhairle, an Comh. Coinneach MacLeoid, air a thaic a chur ris an atharrachadh sin cuideachd agus tha dùil gun tèid aontachadh ris.
Gearraidhean
Thuirt àrd-oifigear Chomhairle nan Eilean Siar Malcolm Burr san Fhaoilleach nach urrainn dhan ùghdarras tuilleadh ghearraidhean a dhèanamh gach bliadhna agus na seirbheisean riatanach aca a chumail a' dol.
Tha iad air an lùghdachadh as motha fhaicinn ann am maoineachadh na comhairle sam bith eile an Alba thairis air an dùsan bliadhna a dh'fhalbh.
Tha sin air tighinn a-nuas 18%, an coimeas ri àrdachadh 5% ann an Alba air fad san fharsaingeachd.
Thug Riaghaltas na h-Alba tuilleadh airgid dhan CnES am-bliadhna an coimeas ris an-uiridh ach seo fhathast nas lugha na ìre na h-atmhorachd.
Ach thèid beagan a bharrachd air £1m a ghearradh bho sheirbheisean.
Thèid £200,000 a ghearradh bhon bhuidseat 'son rathaidean a chàradh, £50,000 ann an seirbheisean sgùdail, còrr is £100,000 'son foghlam do dh'inbhich, agus £50,000 bho gach cuid taic do thràth-ìrean agus foghlam a bharrachd am measg eile.