A9 dà-fhillte ann an 2035

A9
  • Air fhoillseachadh

Dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba clàr-ama ùr 'son an A9 eadar Peairt is Inbhir Nis a dhèanamh dà-fhillte is iad ag ràdh gun tèid a dhèanamh ro dheireadh 2035.

Dh'aidich an riaghaltas sa Ghearran am-bliadhna nach gabhadh an targaid a bh' ann gus am pròiseact a chrìochnachadh ro 2025 a choileanadh.

Tha 9 a-mach à 11 earrannan fhathast ri dhol le dìreach dhà air an dèanamh - 11 mìle gu h-iomlan. Tha sin a' fàgail 77 mìle nach eil dà-fhillte.

Chaidh dàil cuideachd air clàr-ama ùr fhoillseachadh, clàr-ama a bha an riaghaltas air gealltainn as t-Fhoghar.

A' bruidhinn ann am Pàrlamaid na h-Alba Diciadain, thuirt Rùnaire na Còmhdhail, Màiri NicAilein, gun tèid an obair a chrìochnachadh ro dheireadh 2035 is gun tèid modail maoineachaidh measgaichte a chleachdadh.

Thuirt i gun cosg an obair air fad timcheall air £3.7bn.

Thig cuid den airgead sin tro mhaoineachadh phrìbhideach, a' cleachdadh modail a dhealbh Riaghaltas na Cuimrigh is air a bheil MIM.

Thèid an obair a dhèanamh pìos mu seach, thuirt Rùnaire na Còmhdhail.

Tha dùil gun tòisich obair as t-Samhradh 2024 air a' chuibhreann eadar an Tom Aiteann is a' Mhoigh is gum bi seo deiseil ro dheireadh 2027.

"Fon phlana ùr seo, tha sinn an dùil gum bi cha mhòr 50% den rathad dà-fhillte ro dheireadh 2030, 85% ro dheireadh 2033, is air a' cheann thall 100% ro dheireadh 2035", thuirt Màiri NicAilein.

Obair air an A9.Tùs an deilbh, Getty

Thuirt Ms NicAilein gun dèan an obair-leasachaidh an rathad nas sàbhailte is gun tèid tursan rathaid a ghiorrachadh cuideachd.

"Tha sàbhailteachd bunaiteach is tha dùil gun tig piseach air sin ri linn an rathaid a bhith dà-fhillte.

"Tha mi airson an cothrom seo a ghabhail gus co-fhaireachdainn a shealltainn dhan a h-uile duine a chaill luchd-dàimh air an A9 no a chaidh a ghoirteachadh ann an tubaistean", thuirt i.

Nochd ceistean gu leòr bho na pàrtaidhean dùbhlanach.

Thuirt Murchadh Friseal BPA bho na Tòraidhean gu bheil coimhearsnachdan air a' Ghàidhealtachd mar-thà air a bhith a' feitheamh fada ro fhada airson obair-leasachaidh air an rathad.

"Tha cus dhaoine air am beatha a chall san ùine a chaidh dàil air obair-leasachaidh.

"Aig a' char as fheàrr bidh sinn fhathast a' feitheamh 12 bliadhna eile mus bi an obair seo air a crìochnachadh", thuirt e.

Thàinig càineadh cuideachd bhon BhPA Làbarach Ailig Rowley, a thuirt gun robh "leisgeul às dèidh leisgeul" air a bhith ann bhon riaghaltas thar nam bliadhnaichean

Thuirt Mgr Rowley gum bi gu leòr a' ceasnachadh a bheil earbsa aca anns an riaghaltas a' phròiseact a thoirt gu buil ro dheireadh 2035.

Is thuirt am BPA Gàidhealach bhon SNP fhèin, Fearghas Ewing, gum bi ceist air gus am faic e toiseach na h-obrach.