Feum air "dhà no trì eile" aiseagan òrdanachadh

John SwinneyTùs an deilbh, PA Media
  • Air fhoillseachadh

Thabhainn Prìomh Mhinistear na h-Alba leisgeul do choimhearsnachdan eileanach airson cho fada air dheireadh 's a tha na h-aiseagan ùra aig Gàrradh MhicFheargais - aig an dearbh àm 's a nochd iarrtas às ùr 'son barrachd shoithichean ùra do ChalMac.

Thig an MV Glen Sannox a-steach gu seirbheis air slighe Arainn Diluain is obair togail a' leantainn air an MV Glen Rosa.

Bha còir aig na bàtaichean a bhith air an togail ann an 2018 aig cosgais £97m.

Tha dùil a-nise gun cosg iad còrr is £400m.

Le cruaidh-fheum aig CalMac air bàtaichean ùra, tha an dàil air an dà aiseag air buaidh a thoirt air lìonra na companaidh san fharsaingeachd.

"Tha aithreachas mòr orm mun chosgais agus an dàil leis an Glen Sannox is an Glen Rosa," thuirt John Swinney.

"Bha còir aig na h-aiseagan seo a bhith air an togail gu math nas luaithe na bha iad is tha mi a' tabhainn leisgeul do choimhearsnachdan eileanach mun dàil."

Thuirt am Prìomh Mhinistear gu bheil e na phrìomhachas dha dèanamh cinnteach "gum faigh eileanaich na seirbheisean aiseig a dh'fheumas iad".

Fo-thiotal a’ bhidio,

An Glen Sannox a' tadhal air na h-Eileanan an Iar air an deireadh-sheachdain is deuchainnean a' leantainn mus tig i a-steach gu seirbheis

A thuilleadh air an Glen Sannox is an Glen Rosa, thathas cuideachd a' togail ceithir aiseagan ùra do ChalMac san Tuirc.

Bidh a dhà dhiubh a' frithealadh air Ìle is Diùra is a dhà eile gus a bhith a' dol eadar Ùige is Loch nam Madadh is Ùige is an Tairbeart.

Tha dàil air a' chiad aiseag - an Isle of Islay - is Mgr Swinney ag ràdh gur e duilgheadasan sa ghnìomhachas gu h-eadar-nàiseanta as coireach.

"Tha sinn a' cosg airgid air aiseagan ùra gus taic a chumail ri coimhearsnachdan eileanach is faodaidh iad a bhith cinnteach gu bheil seo na phrìomhachas do choimhearsnachdan eileanach," thuirt e.

Aig an dearbh àm ge-tà, tha mì-chinnt a' leantainn a thaobh cuin a bhios aiseag ùr deiseil airson a dhol an àite an Lord of the Isles air an t-slighe eadar Malaig is Loch Baghasdail.

Thàinig fios an-uiridh gun robh obair-dealbhachaidh airson a' bhàta fhèin dèanta, ach dh'innis àrd-oifigear CMAL, Caoimhin Hobbs, do bhuill aig Holyrood Dimàirt nach deach crìoch a chur air cùis gnothachais fhathast is feum air obair an dà chuid ann am Malaig is Loch Baghasdail.

Tha sin a thuilleadh air ceistean mòra mu mhaoineachadh a' bhàta.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Ùisdean Robasdan air a dhòigh san Tuirc is obair a' tòiseachadh air aiseagan ùra. Ach tha rabhadh aige gu bheil feum air an tuilleadh

Thuirt cathraiche Comataidh Còmhdhail Comhairle nan Eilean Siar gur e adhbhar misneachd a th' ann gu bheil an aiseag seo na phrìomhachas às dèidh dha na h-aiseagan ùra eile a bhith deiseil, ach nach eil cinnt sam bith mu mhaoineachadh.

Tha Ùisdean Robasdan ag ràdh fiù 's ged a thigeadh dearbhadh air airgead an ath-bhliadhna gum biodh ceithir no còig bliadhna eile ann mus biodh i deiseil.

Is thàinig rabhadh bhuaithe gum feum Riaghaltas na h-Alba barrachd aiseagan a thogail anns an fharsaingeachd air neo gun lean trioblaidean fad bhliadhnaichean.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil sinn a' coimhead air duilgheadasan chan ann a-mhàin ann an Loch Baghasdail ach air feadh an lìonra.

"Tha an t-àm againn gluasad seachad air na sia a tha air òrdan an-dràsta is a dhà no trì eile òrdanachadh.

"Mura tachair sin 's dòcha gum bi bliadhna no dhà againn a bhios glè mhath, ach tha sinn an uairsin sin air ais dha na trioblaidean a th' againn an-dràsta fhèin."