"Thèid an càball a chàradh ach dè cho fada gus am brist e a-rithist?"

'S e Phyl Meyer àrd-oifigear Urras Thiriodh
- Air fhoillseachadh
Tha muinntir Thiriodh ag ràdh gu bheil am bùrach a tha air a bhith ann a thaobh a' bhanna-leathainn às dèidh Stoirm Amy a' sealltainn gum feum bun-structar an eilein a neartachadh.
Tha Tiriodh fhathast gun cheangal fibre bhon stoirm aig toiseach na Dàmhair a bhrist an càbal a tha a' dol a-nall a Mhuile agus air aghaidh gu tìr mòr.
Bha ceann-là air an t-seachdain seo chaidh gus an tòisicheadh an obair-càraidh, ach air sgàth na h-aimsire cha b' urrainn cumail ri sin.
Chaidh ceann-là eile a thoirt do mhuinntir an eilein Diciadaoin seo tighinn, ach dhearbh BT do BhBC Naideachdan nach urrainn dhaibh a bhith cinnteach cuine a thòisicheas an obair.

Tha Aisling Milne a' ruith Taigh Ailein Stevenson ann an Tiriodh
Chuir BT agus Openreach innealan saideil a-steach gu cuid a dh'àiteachan leithid An Talla.
Fhuair feadhainn de ghnothachasan agus dachaighean inneal a nì ceangal ris an t-siognail fòn-làimhe.
Thug sin an t-eadar-lìon aig ìre bhunaiteach air ais do chuid, leithid Taigh Ailein Stevenson, taigh-aoigheachd agus taigh-bìdh.
"Tha seo a' toirt cothrom dhan luchd-tadhail pàigheadh le cairt a-rithist," thuirt Aisling Milne, a tha ga ruith.
"Ron sin cha b' urrainn dhuinn gabhail ach ri airgead-làimhe."

Bha ceist air Alasdair MacAonghais bho chionn fhada mu sheasmhachd bun-structar a' bhanna-leathainn
Ach chan eil an uidheamachd seo ag obair sa h-uile àite.
Tha Alasdair MacAonghais na chroitear agus e cuideachd a' leigeil a-mach àite air màl do luchd-turais.
"Chan urrainn dhut dad a dhèanamh," thuirt Mgr MacAonghais.
"Chan eil fhios agad dè tha a' dol leis nach eil an rèidio ag obair. Tha sinne a' faotainn an eadar-lìn dìreach an-dràsta is a-rithist."
Tha e ag ràdh gu bheil feum air sùil às ùr a thoirt air an t-suidheachadh san fharsaingeachd.
"Bha sinn daonnan a' smaoineachadh gur e ceangal lag a tha sa chàball sin do Mhuile.
"Tha còir aca uidheamachd saideil a chur a-steach gu dachaighean dhaoine an àite càball a chur timcheall an eilein."

Mhìnich Norma Omand mar a tha an suidheachadh a' toirt buaidh air a' phàipear-naidheachd ionadail
Tha na thachair a' fàgail gu bheil priomh oifis-phuist an eilein ann an Sgairinis fhathast dùinte.
Ged a tha oifis a' phuist eile ann an Crosabol, chan fhaighear a h-uile seòrsa seirbheis an sin.
Tha oifis a' phàipeir-naidheachd ionadail, An Tirisdeach, suidhichte san ionad ghnothachais is chan eil cùisean mòran nas fheàrr acasan.
"Tha an t-eadar-lìon a' tighinn 's a' falbh fad na h-ùine," dh'innis an tè-rianachd aca Norma Omand.
"Cha urrainn dhomh fàirdealan a chur a-mach gu daoine. Bidh backlog againn dar a thilleas làn-seirbheis."
Cumhachd air ais aig a h-uile duine às dèidh Stoirm Amy
- Air fhoillseachadh9 An Dàmhair
Briseadh-dùil an Tiriodh is an sluagh gun bhann-leathann fhathast
- Air fhoillseachadh22 An Dàmhair
Tiriodh fhathast gun sheirbheis bann-leathainn mìos an dèidh Stoirm Amy
- Air fhoillseachadh5 An t-Samhain
Tha BT agus Openreach ag ràdh gum feum iad co-dhiù còig là de dh'aimsir chiùin gus an càball a chàradh is chan eil fhios fhathast cuine a bhios sin ann.
Tha Urras Thiriodh a' bruidhinn riutha gu cunbhalach ach tha ceist orra cuine thèid an obair dheatamach a dhèanamh.
Tha iad ag ràdh gu bheil feum air fuasgladh nas seasmhaiche.
"Chan eil an aimsir ach a' fàs nas miosa," thuirt àrd-oifigear an urrais, Phyl Meyer.
"Thèid an càball seo a chàradh, ach dè cho fad 's a bheir e gus am brist e a-rithist?
"Ma tha sinn gu bhith a' crochadh air càball bidh sinn feumach air barrachd na aonan".
Chuir BBC Naidheachdan ceist air BT agus Openreach an robh iad a' coimhead ri seasmhachd nas fheàrr a thoirt do Thiriodh is tha sinn a' feitheamh freagairt bhuapa.