Co-chomhairle cìs turasachd Earra-Ghàidheal a' tighinn gu ceann

- Air fhoillseachadh
Tha conaltradh poblach, taobh a-muigh mu bhith a' cur cìs turasachd an sàs ann an Earra-Ghàidheal is Bòd a' tighinn gu ceann Diardaoin.
Tha an t-ùghdarras ionadail ag ràdh gu bheil 2.7m duine a' tadhal air an sgìre gach bliadhna is gu bheil iad a' cur gu feum nan seirbheisean poblach a tha muinntir an àite cuideachd a' cleachdadh.
Tha a' Chomhairle ag ràdh gu bheil seo a' cur uallaich air buidseatan a tha a' crìonadh is gun toireadh cìs turasachd cothrom dhaibh airgead a thogail gus bun-structar a leasachadh an dà chuid do mhuinntir an àite is luchd-tadhail.
Thuirt iad gum faodadh cìs 5% air oidhche aoigheachd còrr is £9m a thogail sa bhliadhna.
Bhiodh cothrom ann cuideachd, tha iad ag ràdh, airgead a chur air ais gus gnìomhachas na turasachd a leasachadh.
Tha daoine a tha an lùib gnìomhachas na turasachd air dragh a thogail mun mholadh, le beachd aig cuid gun cuireadh e luchd-turais dheth 's an gnìomhachas fhathast a' faighinn seachad air buaidh Chovid.
Tha cuid ann an eileanan na sgìre ag ràdh gur e cìs a th' ann orrasan, leis na dh'fheumas iadsan de dh'oidhcheannan a chur seachad air tìr-mòr 's iad a' frithealadh seirbheisean meadaigeach is eile.
Tha mòran sgìrean comhairle an Alba, Comhairle na Gàidhealtachd nam measg, a' beachdachadh air leithid de chìs a chur an sàs fo chumhachd a fhuair iad bho Riaghaltas na h-Alba.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh20 An Dùbhlachd 2024