Dearbhadh gum bi cùram cabhagach am Port Rìgh bhon Lùnastal
![Luchd-iomairt](https://ichef.bbci.co.uk/ace/standard/1800/cpsprodpb/ab9c/live/8d0f2c90-33af-11ef-b6d2-cdce498d526f.jpg)
- Air fhoillseachadh
Dhearbh NHS na Gàidhealtachd gun tèid cùram cabhagach 24/7 a stèidheachadh às ùr ann an Ospadal Phort Rìgh bhon 16mh den Lùnastal.
Bha seo am measg nam molaidhean ann an aithisg Sir Lewis Ritchie ris an do ghabh am bòrd slàinte ann an 2018, ach cha robh e comasach dhaibh an t-seirbheis a thoirt seachad gu cunbhalach bhon uairsin.
Chaidh dàil air ath-stèidheachadh na seirbheis ron seo ach bha NHS na Gàidhealtachd air gealltainn nas tràithe am-bliadhna gum biodh e ann as t-Samhradh.
Bha connspaid mhòr ann às dèidh sin sa Chèitean nuair a dh'innis boireannach a dh'fhàs tinn às dèidh dhi a bhith aig fèis-chiùil san Eilean Sgitheanach gun robh dorsan Ospadal Phort Rìgh glaiste nuair a bha cùram èiginneach a dhìth oirre.
Tha NHS na Gàidhealtachd a-nise air fiosrachadh ùr a sgaoileadh, taobh a-muigh is iad ag ràdh gum bi cùram cabhagach 24/7 ann am Port Rìgh bhon 16mh den Lùnastal.
Dh'innis am bòrd gum bu chòir do dhaoine fios a chur air NHS24 sa chiad dol a-mach.
Thuirt iad gun tèid coinneamh a chur air dòigh dhaibh às dèidh sin ann am Port Rìgh air neo san Àth Leathann, a rèir dè na feumalachdan a th' ann, no coinneamh air ceangal bhideo às an Àth Leathann no Port Rìgh, no aig taigh an euslaintich.
Thuirt am bòrd slàinte ge-tà, gum bi e comasach do luchd-obrach taic a thoirt do dhaoine a nochdas aig an ospadal gun coinneamh a chur air dòigh ro-làimh.
Bidh cùram èiginneach 999 fhathast air a stiùireadh à Ospadal an Àth Leathainn.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh21 An t-Ògmhios 2024