Dragh às ùr mu Ospadal Phort Rìgh: "Bha na dorsan glaiste"
![Eilidh Pheutan](https://ichef.bbci.co.uk/ace/standard/1600/cpsprodpb/9167/live/c52c7be0-11be-11ef-b116-35c5e54c74a8.jpg)
- Air fhoillseachadh
Tha boireannach a dh'fhàs tinn às dèidh dhi a bhith aig fèis-chiùil san Eilean Sgitheanach ag ràdh gu bheil i air a h-uabhasachadh gun robh dorsan Ospadal Phort Rìgh glaiste nuair a bha cùram èiginneach a dhìth oirre.
Ghabh Eilidh Pheutan anaphylactic shock ann am Port Rìgh oidhche Shathairne is i air a bhith aig Skye Live.
Tha i ag ràdh gum faodadh i a bhith air bàsachadh mura b' e an taic a fhuair i bho na maoir-chladaich agus buill bho bhàta-teasairginn na sgìre.
Dh'innis i do BBC Naidheachdan gun d'fhuair i leigheas EpiPen bho charaid an toiseach is gun do chuir an duine aice fòn gu 999.
Thuirt i gun tàinig cobhair bho na maoir-chladaich agus buill a' bhàta-teasairginn fhad 's a bha i a' feitheamh air ambaileans, is iag ràdh gun robh i as aonais cùraim mheidigich cheart faisg air uair a thìde is ambaileansan na sgìre trang.
"Bha mi air an làr, bha mi uabhasach tinn is bha mi nam chrith. Mar sin chuir iad duine bho na maoir-chladaich suas chun an ospadail.
"Ruith esan suas chun an ospadail airson stuth fhaighinn is bha e a' gnogadh air an doras is bha e ag èigheachd is cha robh duine a' freagairt".
"Tha ogsaidean san ospadal ach bha na dorsan glaiste is cha b'urrainn dhaibh càil fhaighinn"
Dh'innis a' Bh. Ph. Pheutan gun deach buill a' bhàta-teasairginn air a' cheann thall a-mach chun a' bhàta fhèin gus ogsaidean fhaighinn.
Bha feum fhathast air masg ge-tà, is ged a thill an duine aice gu Ospadal Phort Rìgh feuch fear fhaighinn, chan fhaigheadh e a-steach.
Fhuair e a-staigh 'son masg fhaighinn mu dheireadh, dh'innis i, nuair a dh'fhòn 999 chun an ospadail gus innse dhaibh gun robh e aig an doras.
Thug an gnothach cho fada is gun deach masg fhaighinn bho àite eile san eadar-ama.
Tha a' Bh. Ph. Pheutan ag ràdh gur e suidheachadh eagallach dha-rìribh a bh' ann.
"Tha mi cho taingeil ris an fheadhainn a bha a' cuideachadh, bha iad dìreach mìorbhaileach.
"Chan eil fhios agamsa dè cho dona 's a bhios e mura robh sin agam. S dòcha nach bithinn ann an-diugh".
Sgrìobh i mar-thà gu buill-phàrlamaid is comhairlichean na sgìre is chaidh coinneamh a chur air dòigh le NHS na Gàidhealtachd.
"Tha mi an dòchas gum bi daoine ag èisteachd", tha a' Bh. Ph. Pheutan ag ràdh.
A' sgrìobhadh air na meadhanan-sòisealta aig BBC Naidheachdan, thuirt Emma Burrows, a tha a' fuireach san Eilean Sgitheanach: "Feumaidh an t-ospadal fhosgladh a-rithist (làn ùine). ‘S iomadh ‘close call’ a tha air a bhith againne mar theaghlach ann an suidheachadh èiginneach.
"Tha e dha-rìribh eagalach fuireach an seo ma tha allergies no tinneas ort, ‘s fhios agad gum faodadh do bheatha-sa no bheatha do chuid chloinne a bhith ann an cunnart".
Gilleasbuig MacDhòmhnaill a' bruidhinn ri Eilidh Pheutan.
Tha an Leas-Phrìomh Mhinistear is BPA na sgìre, Ceit Fhoirbeis, air rannsachadh iarraidh às dèidh na thachair is bàs boireannaich eile, aois 49, a bha aig an fhèis.
Chaidh carbad-eiridinn a chur gu Skye Live oidhche Shathairne às dèidh mar a dh'fhàs am boireannach tinn ach chaochail i aig an làraich.
Thuirt Ms Fhoirbeis gur e adhbhar dragh mòr dhi na h-aithrisean nach robh uidheamachd mheidigeach ri fhaighinn bho Ospadal Phort Rìgh.
Sgrìobh Ms Fhoirbeis gu ceannard NHS na Gàidhealtachd ag iarraidh gun tèid a' chùis a rannsachadh.
Ann am brath Diluain, thuirt NHS na Gàidhealtachd gun deach Seirbheis Ambaileans na h-Alba gu dà thachartas meidigeach aig an fhèis le taic bho Àrd-Nurs (ANP) nach robh ag obair is a bha an làthair, agus dotair bho Roinn A&E Ospadal an Àth Leathainn.
Thuirt iad nach biodh e iomchaidh dhaibh dad eile a ràdh mun chùis ri linn dìomhaireachd euslainteach.
Dh'innis iad ge-tà, gu bheil cùram èiginneach ri fhaighinn 24/7 le a bhith a' fònadh gu 999 ma tha beatha ann an cunnart.
Thuirt iad cuideachd gun deach masg ogsaidean fhaighinn bho Ospadal Phort Rìgh gus a' Bh. Ph. Pheutan a chuideachadh.
Thuirt Skye Live fhèin gu bheil "an cridhe briste" is gu bheil na smuaintean aca le teaghlach an neach a chaochail.
Tha iad ag ràdh gu bheil iad a' co-obrachadh leis na h-ùghdarrasan.
Tha connspaid air a bhith a' leantainn fad bhliadhnaichean mu sheirbheisean slàinte an Eilein Sgitheanaich.
Tha sia bliadhna ann bho dh'fhoillsich Sir Lewis Ritchie aithisg le modail ùr 'son seirbheisean slàinte taobh a-muigh nan uairean àbhaisteach san Eilean Sgitheanach, Loch Aillse, is Iar-Dheas Rois.
Bha Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd air aontachadh aig an àm gabhail ris na molaidhean air fad a chuir Sir Lewis air adhart.
Nam measg bha gum biodh seirbheisean èiginneach taobh a-muigh nan uairean obrach àbhaisteach air an glèidheadh aig Ospadal Phort Rìgh là 's a dh'oidhche.
Cha do thachair sin fhathast.
Gheall NHS na Gàidhealtachd air a' mhìos seo chaidh gum biodh an t-seirbheis ga cur an sàs as t-samhradh.
A' bruidhinn aig an àm, thuirt cathraiche buidheann-stiùiridh Sir Lewis Ritchie, an comhairliche ionadail Calum Rothach, gu bheil "an gleoc a' ruith airson NHS na Gàidhealtachd".