Measadh air seòlaidhean ChalMac "a' cleith droch lìbhrigeadh seirbheise"

- Air fhoillseachadh
Tha a' bhuidheann a tha a' riochdachadh nan coimhearsnachdan a tha CalMac a' frithealadh ag ràdh gu bheil crathadh a dhìth air mar a thathar a' measadh a bheil seirbheisean a' dol mar a bu chòir.
Tha Bòrd Coimhearsnachd nan Aiseagan ag ràdh gu bheil a' chompanaidh aiseig ag aithris gun robh 98.5% de na seirbheisean a' ruith san ùine mheasaidh mu dheireadh.
Thuirt am Bòrd ge-tà, leis gu bheil an dàrna leth de sheirbheisean air còig slighean goirid le seòlaidhean gach là, gu bheil iad den bheachd nach eil an siostam a' tighinn a rèir eòlas mòran eileanach.
Tha e tric a' cleith lìbrigeadh seirbheise a tha truagh, tha iad a' cumail a-mach.
Tha iad ag ràdh gu bheil an siostam measaidh a' leigeil le CalMac aithris gun deach cumail gu ìre mhòir ri clàran-ama, ach gur e a thachras gu math tric gum bi seòlaidhean gan cur dheth agus gum bi a' bhuil air coimhearsnachdan is gnothachasan.
Tha brath a' Bhùird a' tighinn agus trioblaid theicnigeach leis an MV Isle of Lewis air an t-slighe eadar Steòrnabhagh is Ullapul air fàgail gun robh a' mhòr-chuid de sheirbheisean bho Dhiardaoin a chaidh do luchd-coise a-mhain.
Dh'iarr am Bòrd air Còmhdhail Alba siostam measaidh ùr a thoirt a-steach a shealladh dè dha-riribh an t-seirbheis a bha coimhearsnachdan a' faighinn agus a ghabhadh cleachdadh airson piseach a thoirt oirre.
Cùmhnant Ùr
Thuirt CalMac: "Tha sinn fo ghealltanas a bhith fosgailte agus tro-fhaicsinneach mun t-seirbheis, agus tha sin a' fàgail gu bheil sinn air a bhith a' foillseachadh aithisgean airson bliadhna a-niste mu mar a tha a' dol dhuinn a thaobh lìbhreagadh seirbheise aig ìre slighe, eilein agus sgìre air an làraich-lìn againn a tha seachad air an dleastanas cùmhnantail a bh' oirnn roimhe."
Thuirt iad cuideachd gu bheil an dòigh sam bi iad ag aithris air lìbhrigeadh seirbheise air atharrachadh fo Chùmhnant ùr Aiseagan Chluaidh is Innse Gall an dèidh co-chomhairle le riochdairean coimhearsnachd.
Tha Còmhdhail Alba riaraichte leis an fhiosrachadh a tha CalMac a' foillseachadh.
"Tha na staitistigean a thaobh lìbhrigeadh seirbheise a' tighinn a rèir nan dleastanasan fon chùmhnant ùr," thuirt iad.
"Tha sinn ag aithneachadh nach robh an seann dòigh air sin a dhèanamh buileach a rèir na dh'fhiosraich coimhearsnachdan air feadh an lìonra."
Thàinig an cùmhnant ùr a-steach air a' 1d là den Dàmhair am-bliadhna.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh11 An t-Samhain

- Air fhoillseachadh30 An t-Sultain
