Cùmhnant ùr ChalMac air a shoidhneadh

CalMac
  • Air fhoillseachadh

Chuir Calmac agus Còmhdhail na h-Alba an ainmean ri cùmhnant luach faisg air £4bn airson seirbheisean aiseig chosta siar na h-Alba a ruith.

Mairidh an cùmhnant deich bliadhna, agus thuirt Riaghaltas na h-Alba gum bi an t-seirbheis stèidhichte air modail seirbheis phoblaich, seach modail coimeirsealta.

Tòisichidh an cùmhnant air a' chiad là den Dàmhair, agus fon aonta ùr bidh seirbheisean aiseig a' chosta an iar fo stiùir ChalMac.

'S ann aig CalMac a bha an cùmhnant mu dheireadh, agus bha còir aige sin tighinn gu crìch san t-Samhain an-uiridh, ach chaidh a leudachadh airson bliadhna eile.

Thuirt ministearan gun robh iad airson an cùmhnant a thoirt seachad gun farpais a bhith ann, ach gum feumadh iad dèanamh cinnteach gun robh e laghail mus dèanadh iad sin.

Thuirt Rùnaire Còmhdhail na h-Alba, Fiona Hyslop, gu bheil an cùmhnant ùr ag atharrachadh na seirbheis gu mòr - bho sheirbheis choimeirsealta, gu tè a fhreagras nas fheàrr air feumalachdan choimhearsnachdan.

Thuirt àrd-oifigeir ChalMac Donnchadh Mackison, gu bheil dùbhlain air a bhith ann anns na beagan bhliadhnaichean a dh'fhalbh ach le dùil ri aiseagan ùra, gu bheil iad a' sùileachadh gun tig piseach air an t-seirbheis a gheibh coimhearsnachdan eileanach.