"Gnothaichean a' dol air ais" a thaobh nan aiseagan

MV Isle of Lewis
  • Air fhoillseachadh

Tha cathraiche còmhdhail Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil cùisean a' dol air ais a thaobh suidheachadh nan aiseagan is nach eilear ag èisteachd ri ùghdarrasan ionadail.

Thuirt Ùisdean Robasdan gu bheil e an dùil gum bi ceist nan aiseagan gu math cudromach ann an iomairt taghaidh Pàrlamaid na h-Alba an ath-bhliadhna.

Bha e a' bruidhinn is duilgheadasan leis an MV Isle of Lewis air troimhe-chèile adhbhrachadh air an t-slighe eadar Ullapul is Steòrnabhagh anns na làithean mu dheireadh.

Dh'fhàg trioblaid a thàinig am bàrr le siostam eadhaireachaidh deic nan carbadan Diardaoin gun deach an t-seirbheis a chur dheth an toiseach is le seòlaidhean an uairsin ann do luchd-coise a-mhàin.

Ged a bha fuasgladh eadar-amail ann a dh'fhàg gun robh àite ann do 30 carbad, bhrist an siostam an uairsin às ùr agus 's e seòlaidhean do luchd-coise a-mhàin a th' ann a-rithist Dimàirt.

A' bruidhinn air Aithris na Maidne, thuirt an comh Robasdan gu bheil e misneachail nach eil fuasgladh a thaobh an Isle of Lewis fad às a-nise, ach gu bheil air an t-uabhas de ghearanan fhaighinn mun t-suidheachadh.

Tha cuid air faighneachd, thuirt e, carson nach deach an MV Alfred a chur air an t-slighe aig àm nuair a tha i am measg dà shoitheach a tha a' frithealadh air Arainn.

Ach thog Mgr Robasdan cuideachd dragh mu shuidheachadh nan aiseagan san fharsaingeachd.

Thòisich cùmhnant ùr nan aiseagan aig toiseach na Dàmhair is e air a thoirt gu dìreach gu CalMac.

Thuirt Rùnaire na Còmhdhail, Fiona Hyslop, aig an àm gur e atharrachadh bunaiteach a bh' ann bho "aonta coimearsalta gu modail gu tur stèidhichte air seirbheis phoblach a thoirt seachad 'son coimhearsnachdan eileanach is dùthchail na h-Alba".

Ach tha Mgr Robasdan ag ràdh gu bheil esan den bheachd gu bheil cùisean a' fàs nas miosa.

"Tha cùmhnant ùr againn a-nise is tha sin gu math draghail dhuinn, chan eil sinn a' faicinn gu bheil gnothaichean gus a bhith sùbailte mar a chaidh gealltainn dhuinn idir.

"Tha tòrr de cho-dhùnaidhean ceàrr air a dhèanamh bho chionn bhliadhnaichean is chan eil dad a' tachairt.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Ùisdean Robasdan a' bruidhinn ri Dòmhnall Moireasdan air Aithris na Maidne Dimàirt

"Tha sinn air strì mhòr a dhèanamh aig coinneamhan is a' sgrìobhadh is ag iomairt timcheall air a' chuspair 'son ùine gu math fada is chan eil sinn a' faighinn fuasgladh air idir - 's ann a tha mi a' faicinn gu bheil gnothaichean a' dol air ais.

"Chan eil sinn a' faighinn na h-èisteachd a tha còir againn mar chomhairle gu h-àraid is tha mi a' creidsinn gun canadh comhairlean eile air feadh na lìonra an aon rud".

Ged a chuir an comh Robasdan fàilte air na h-aiseagan ùra a thathar a' togail an-dràsta, thuirt e gu bheil e follaiseach gu bheil cruaidh fheum air a' chòrr.

Thog e dragh gu sònraichte nach eil adhartas air a bhith ann mu bhàta ùr a thèid an àite an Lord of the Isles.

'S e am brath mu dheireadh a thàinig bho Chòmhdhail Alba air sin gun robh iad "a' meòrachadh air a' chùis ghothachais agus na h-ath cheumannan".

Thuirt an comh Robasdan às ùr nach eil structar nan aiseagan eadar CalMac, CMAL is Còmhdhail Alba ag obair mar bu chòir is gum bu chòir coimhead ris às ùr.

Tha e ag ràdh gu bheil e den bheachd gum bi ceist nan aiseagan cudromach nuair a thig an taghadh an ath-bhliadhna.

"Tha mi a' smaoineachdainn gum bi is tha còir gum bi", thuirt e.

"Cuideachd cosgaisean itealan aig an àm seo - tha sineach na chunnart dhuinn.

"A h-uile dad a thaobh còmhdhail, tha mi an dòchas gum bi iomairt mhòr timcheall air leis an fheadhainn a tha gan cur air adhart airson an taghaidh".

A' bruidhinn ann am Pàrlamaid na h-Alba air a' mhìos seo chaidh, thuirt Fiona Hyslop gu bheil Riaghaltas na h-Alba fhathast fosgailte ri coimhead air crathadh a thoirt air structar riaghlaidh nan aiseagan.

Thuirt i "gur dòcha gu bheil e nas freagarraiche coimhead ris a-nise seach mar a bha san dà bhliadhna mu dheireadh", nuair a bha an riaghaltas ag obair gus barrachd aiseagan fhaighinn agus cùmhnant dìreach do ChalMac a chur air dòigh.

Tha BBC Naidheachdan air beachd iarraidh bho Chòmhdhail Alba air na puingean a thog Mgr Robasdan.

"Chan eil dad far a' bhùird"

Ann am brath feasgar Dimàirt, thuirt neach-labhairt bho Riaghaltas na h-Alba nach eil e comasach dhan MV Alfred ceangal ann an Steòrnabhagh.

"Tha sinn an dùil sia soitheachan mòra a chur ri lìonra aiseig na h-Alba, a' dol an àite bhàtaichean nas sine agus a' toirt piseach air seasmhachd," thuirt an neach-labhairt.

"Eadar iad seo is seachd aiseagan beaga ùra, bidh sinn air còrr is trian den lìonra gu lèir ùrachadh.

"Le 13 bàtaichean ùra, a thòisich leis an Glen Sannox san Fhaoilleach, bidh lùghdachadh ann an trioblaidean teicnigeach is bu chòir gum bi na h-aiseagan ùra nas comasaiche air dèiligeadh ri droch aimsir.

"Tha sinn an-dràsta a' meòrachadh air a' chùis ghnothachais agus na h-ath cheumannan a thaobh an aiseig ùir a thèid an àite an Lord of the Isles is dearbhaidh sinn iad seo fhathast.

"Cha deach co-dhùnaidhean a ghabhail a thaobh ath-leasachadh a thoirt air structar riaghlaidh chompanaidhean aiseig na h-Alba, ach chan eil dad far a' bhùird."