Plana airson campa luchd-obrach san Àth Leathann air a tharraing

- Air fhoillseachadh
Chaidh planaichean airson campa luchd-obrach san Àth Leathann a tharraing.
Bha a' chompanaidh dealain SSEN a' moladh àitichean-fuirich rè ùine a stèidheachadh airson nan ceudan de luchd-obrach a bhios an sàs sa phròiseact 'son an loidhne dealain eadar an t-Eilean Sgitheanach agus Cille Chuimein ùrachadh.
'S e a' chompanaidh GE Verona/Sodexo a bha a' sireadh cead gus campa a stèidheachadh air Rathad nan Torran san Àth Leathann 'son suas ri 350 neach.
Tha planaichean fa leth ann 'son campa eile aig Aisig ann an sgìre Bhreacais le àite do 450 neach.
'S e Balfour Beatty a tha air cùl nam planaichean sin.
Nochd cuid sa choimhearsnachd an cuid draghan gum biodh na tha seo de dhaoine a bharrachd san sgìre a' cur cus uallaich air seirbheisean agus bun-structar ionadail.
Tha làrach-lìn Comhairle na Gàidhealtachd a-nise a' sealltainn gun deach na planaichean 'son campa an Àth Leathainn a tharraing.
Ann am brath feasgar Dimàirt, thuirt SSEN gun robh iad air iarraidh air GE Verona/Sodexo an t-iarrtas dealbhachaidh 'son Rathad nan Torran a tharraing.
Thuirt SSEN gun tàinig an co-dhùnadh seo às dèidh dhaibh conaltradh a dhèanamh leis a' choimhearsnachd.
Tha iad ag ràdh gu bheil iad ag obair gu dlùth le GE Verona gus làrach nas freagarraiche a lorg, is gun tèid co-chomhairle a dhèanamh air molaidhean ùra sam bith a thig am bàrr.
"Tha sinn air èisteachd ris a' choimhearsnachd is mar thoradh air sin dh'iarr sinn air a' chùmhnantaiche againn na planaichean a tharraing," thuirt Simon Johnstone bho SSEN.
"Tha sinn taingeil dhan a h-uile duine a thug seachad beachd. Tha sinn a-nise a' coimhead air làraichean eile a bhios comasach air na feumalachdan againn a choileanadh agus buaidh sam bith air a' choimhearsnachd ionadail a lùghdachadh."
Tha SSEN ag ràdh cuideachd nach eil planaichean aca làrach eile a lorg airson a' champa eile faisg air Breacais.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh10 Am Faoilleach
- Air fhoillseachadh21 Am Faoilleach

- Air fhoillseachadh24 An Gearran
