Sgeama taic do ghnothachasan eileanach ga fosgladh

- Air fhoillseachadh
Bidh cothrom aig luchd-gnothaich Eileanach a th' air call fhulang ri linn trioblaidean le aiseagan cur airson taic shònraichte bhon t-seachdain seo.
Fosglaidh Riaghaltas na h-Alba Maoin Seasmhachd nan Gnothachasan Eileanach do luchd-gnothaich ann an trì sgìrean eileanach air an 2na là den Iuchar.
Chaidh an taic a ghealltainn na bu thràithe am-bliadhna mar fhreagairt air a' chron a bha ga dhèanamh le troimh-chèile air na h-aiseagan.
Tha taic-airgid luach £4.4m a-nis ri fhaighinn do ghnothachasan air an tug trioblaidean aiseig buaidh.
Bha mì-thoileachas air a bhith ann nach robh fiosrachadh air tighinn bho Riaghaltas bho dh'fhoillsich iad an sgeama sa Ghiblean.
Ged a tha an sgeama a-nise gus fosgladh, chan fhaigh ach muinntir Uibhist, Colbhasa agus Arainn cothrom air, seach gun deach barrachd na 15% de na seòlaidhean aca a chur dheth thar an trì bliadhna mu dheireadh.
Bidh cothrom aig gnothachasan leithid feadhainn a tha an sàs ann an turasachd, no feadhainn a tha an sàs ann a bhith a' giùlain biadh nach seas, leithid maoraich, air an sgeama.
Thathas an dùil gun tèid eadar £3,000 agus £35,000 a thabhainn air gnothachasan.
Chaidh dragh a nochdadh mar-thà ann an eileanan eile nach fhaigh buannachd às an sgeama.
"Tha an sgeama seo mì-chothromach - sin cnag na cùise," thuirt Joe Reade bho Chomataidh Aiseig Mhuile is Eilein Ì.
"Tha staing nan aiseagan air buaidh a thoirt air a h-uile eilean a th' ann is tha gnothachasan anns gach eilean airidh air an taic-airgid seo.
"Tha an Riaghaltas air coimhead air seòlaidhean a chaidh a chur dheth a-mhàin agus tha an suidheachadh nas fharsainge na sin," thuirt e.
Thuirt Rùnaire nan Eilean Màiri Gougeon gu bheil cùisean air fàs gu math duilich air sgàth nan trioblaidean air na h-aiseagan, ach gun dèanadh an Riaghaltas na 's urrainn dhaibh gus taic a thabhainn.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh12 An t-Ògmhios
- Air fhoillseachadh15 An Giblean
- Air fhoillseachadh14 An Giblean