LOTI air tilleadh an dèidh a càradh

- Air fhoillseachadh
Thill an MV Lord of the Isles chun na slighe eadar Loch Baghasdail agus tìr-mòr Diardaoin an dèidh obair-càraidh.
Chaidh a toirt a Cheann na Creige aig toiseach na seachdain an dèidh do tholl beag tighinn orra fon uisge.
Tha muinntir Uibhist a Deas a' gearain uair eile gur iadsan as motha a tha a' fulang le laigse ann an lìonra ChalMac agus thuirt Ceannard Comhairle nan Eilean Siar, Pòl Steele, gum feum fuasgladh maireannach a bhith ann.
Thuirt Cathraiche na Còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan, gu bheil am fuasgladh sin fad às fhathast ge-tà.
"Tha eagal orm gu bheil," thuirt e, 's e a' bruidhinn air Aithris na Maidne Diardaoin.
"Fhuair sinn a-mach an-dè fhèin, an Isle of Islay, bha dùil againn leis a' chlàr-ama a bh' ann gum biodh i a' faighinn a-mach deireadh na mìos seo, ach chaidh a ràdh gur ann san treas cairteal den bhliadhna a-niste, 's dòcha deireadh an Lùnastail.
"'S bhiodh i cola-deug a' tighinn a-nall 's an uair sin ga feuchainn a-mach aig na puirt uile.
"Agus na trì aiseagan às dèidh sin tha iad gus a bhith trì no ceithir mìosan às dèidh sin.
"Mar sin tha sinn a' gluasad fada a-staigh dhan ath-bhliadhna mus fhaigh sinn fuasgladh tha mi a' smaoineachdainn" thuirt e.
Tha Mgr Robasdan ag ràdh gur e briseadh-dùil a th' ann nach eil adhartas air a bhith ann bho bha coinneamh èiginn mu sheirbheisean aiseig ann an Uibhist sa Ghiblean.
- Air fhoillseachadh15 An Giblean
- Air fhoillseachadh16 An Giblean
"Bha tòrr ghealltanasan ann ach chan eil sinn a' faicinn gu bheil dad ag atharrachadh, a dh'aindeoin nan coinneamhan sin agus an iomairt a thathar a' dèanamh," thuirt e.
Thuirt e cuideachd gun robh coinneamh aige le Còmhdhail Alba an t-seachdain seo is gun do thog e ceist mu thaic-airgid £4.4m do luchd-gnothachais Uibhist.
Chaidh an taic sin a ghealltainn ron choinneimh èiginn sa Ghiblean.
"Thuirt Còmhdhail Alba gur e Sgioba nan Eilean a bha a' dèiligeadh ris a sin ach chan eil sinn cinnteach cò th' anns a' bhuidhinn a tha sineach."
Thuirt Mgr Robasdan gun do sgrìobh e fhèin chun an Riaghaltas mìos air ais a' sireadh soillearachaidh air an taic-airgid.
"Thàinig freagairt bho Mhàiri Gougeon (Rùnaire nan Eilean) ach cha tuirt e dad ach gun robh iad a' coimhead air agus gun leigeadh iad fhaicinn dhuinn ann an ùine nach robh ro fhada dè bha a' tachairt.
"An rud a chaidh a thogail aig a' choinneimh, cha robh iad air coimhead dè na slatan-tomhais a bhiodh ann no ciamar a dh'obraicheadh iad e.
"Tha e a' toirt ùine gun chiall agus an t-àm aca an gnothach a chur air dòigh chanainn."
Thuirt neach-labhairt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad a' tuigsinn mar a tha dìth sheirbheisean earbsach a' bualadh air muinntir Uibhist, agus gum mìnich iad sna seachdainean a tha romhainn mar a thèid a' mhaoin-taice a chleachdadh,
"Leanaidh sinn oirnn a' conaltradh le eileanaich airson dèanamh cinnteach gun toir sinn seirbheis aiseig seachad a tha seasmhach agus freagarrach," thuirt iad.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh30 An Giblean
- Air fhoillseachadh14 An Giblean