Dùil ri suas ri 88 bàtaichean luchd-turais an Steòrnabhagh am-bliadhna

An Ambition agus an Loch Seaforth
Fo-thiotal an deilbh,

'S i an Ambition a' chiad soitheach mòr a thàinig a-steach gu Cala Domhain ùr Steòrnabhaigh an-uiridh

  • Air fhoillseachadh

Tha Ùghdarras Port Steòrnabhaigh a' dèanamh deiseil airson seusan turasachd trang eile.

Tha dùil aca ri mu 88 bàtaichean cuairte-mara; bidh 35 dhiubh sin a' tighinn a-steach gu Cala Domhain ùr Steòrnabhaigh.

Tha bliadhna bhon a cheangail a' chiad soitheach An Ambition, ris a' chidhe ùr far a bheil doimhneachd gu leòr ann do bhàtaichean mòra.

Dh'fhàg an goireas ùr gun robh seusan turasachd cho trang agus a chunnacas sa bhaile.

Cala Domhain ùr Steòrnabhaigh a dh'fhosgail an-uiridh Tùs an deilbh, ÙGHDARRAS PORT STEÒRNABHAIGH
Fo-thiotal an deilbh,

Tha dùil ri 35 soitheach mòr aig Cala Domhain ùr Steòrnabhaigh as t-Samhradh 2025

Thuirt Maighstir-cala Ùghdarras Port Steòrnabhaigh, Màrtainn Greumach, gun deach grunn leasachaidhean a dhèanamh bhon uairsin.

"Tha e tòrr nas sgiobalta agus bha cothrom againn feansaichean teàrainteachd a chur suas," thuirt e.

Am-bliadhna, bidh nas lugha de shoithichean a' tighinn , taobh a-muigh ach chan eil sin a' ciallachadh nach bi am baile a cheart cho trang.

"Tha soithichean nas motha gu bhith a' tighinn a-steach, mar sin, bidh barrachd luchd-siubhail ann," mhìnich Alasdair MacArtair, bho Sheirbheis Loingeis Steòrnabhaigh.

Busaichean aig Cala Domhain Steòrnabhaigh
Fo-thiotal an deilbh,

Bidh busaichean a' toirt luchd-turais bho na soithichean mòra aca a-steach a Steòrnabhagh

Tha cuideachd leasachadh air tighinn air meadhan baile Steòrnabhaigh agus air àite-fàilteachaidh don luchd-turais.

Thuirt Màrtainn Greumach: "Sin far am bi na daoine a' tighinn a-steach sna busaichean agus 's e sin a' chiad phìos de Steòrnabhagh a chì iad, agus tha sinn air tòrr obrach a dhèanamh ann an sin."

Fo-thiotal a’ bhidio,

Dùil aig Ùghdarras Port Steòrnabhaigh ri seusan turasachd trang

Bidh a' chiad bhàta a' giùlain luchd-turais a' ceangal aig Cidhe 1 sa bhaile air an 14mh den Ghiblean.

Tha dùil ris a' chiad tè aig a' Chala Domhain air a' 5mh den Chèitean.