Leigear sia teaghlaichean bìobhair mu sgaoil air a' Ghàidhealtachd

Bha sgaradh bheachd ann mun mholadh bìobhairean a thilleadh gu Abhainn nam Manach
- Air fhoillseachadh
Thèid sia teaghlaichean bìobhair a leigeil mu sgaoil aig dà làraich faisg air Abhainn nam Manach an dèidh conaltradh poblach san do nochd sgaradh bheachdan.
Tha NàdarAlba air cead a thoirt airson ceithir teaghlaichean air Tèarmann Nàdair Ghleann Afraig agus airson dhà air talamh Urras Coille Obair Itheachain.
Thuirt a' bhuidheann riaghaltais gun do rinn iad seo an dèidh còmhradh le buidhnean fearainn agus iasgaich.
Tha cuid a' cumail a-mach gu bheil bìobhairean a' toirt piseach air glainnead uisge agus àrainnean nàdarrach agus a' cuideachadh ann an bhith a' cur bacadh air tuiltean.
Tha feadhainn eile den bheachd ge-tà gum faod iad milleadh a dhèanamh air talamh agus bàrr.
- Air fhoillseachadh8 An Lùnastal 2024
- Air fhoillseachadh2 An Giblean
- Air fhoillseachadh3 An Dàmhair 2017
Tha buidheann ga cur air dòigh airson measadh a dhèanamh air buaidh nam bìobhairean agus airson dèiligeadh ris an sin.
Thuirt NatureScot gun obraicheadh iad còmhla ri Fearann agus Coilltean na h-Alba (FLS) a' sgrùdadh nam bìobhairean airson co-dhiù 10 bliadhna an dèidh an saoradh.
Tha Chris Donald, stiùiriche obair NatureScot am Meadhan na Gàidhealtachd ag ràdh gu bheil "bìobhairean math don àrainneachd agus do dhaoine".
Thuirt e: "Tha iad a' cruthachadh àrainnean sa bheil bith-iomadachd, a' cumail smachd air sruth uisge agus a' glanadh an uisge - a' cruthachadh àrainneachd a sheasas ri buaidh atharrachadh na gnàth-shìde."
"An dèidh dhuinn beachdachadh air gu mìonaideach, tha sinn a' creidsinn gum faodar na buannachdan sin a bhith againn agus taic a chumail ris a' choimhearsnachd far a bheil na bìobhairean."
Tha àireamh bheag de na beathaichean air a bhith a' tighinn beò ann an Abhainn nam Manach airson deich bliadhna an dèidh dhaibh teicheadh neo a bhith air an leigeil mu sgaoil gun chead.
Chaidh bìobhairean à bith an Alba bho chionn mu 400 bliadhna ach chaidh an tilleadh ann an 2009.
Tha e a' dol gu math dhaibh sa Mhonadh Ruadh, Taobh Tatha, Linne Fhoirthe, Cnapadal agus Loch Laomainn.