Mì-chinnt mu dè nì a' choimhearsnachd mu reic Oighreachd Cheann a Deas Shlèite

- Air fhoillseachadh
Nochd cha mhòr 150 duine aig coinneimh phoblach ann an Slèite oidhche Luain a bhruidhinn mun t-slighe a ghabhas luchd-còmhnaidh mu Oighreachd Cheann a Deas Shlèite, a tha air a' mhargaidh an-dràsta.
Thàinig an naidheachd bho chionn cola-deug gun robh Urras Fearann Chlann Dòmhnaill gu bhith a' reic a' chuid as motha den talamh a bhuineas dhaibh mar chlach às an adhair dhan choimhearsnachd.
Dh'innis a' bhuidheann chathrannais, a ghabh smachd air an oighreachd bho chionn còrr agus 50 bliadhna, gun tèid Caisteal Armadail agus Ionad Chlann Dòmhnail agus togalaichean agus fearann eile air a' mhargaidh tràth as t-samhradh.
Dh'iarr muinntir na sgìre gun tèid dàil a chur air an reic gus am biodh cothrom aca beachdachadh air a' ghnothach.
Iain MacFhionghain a' bruidhinn aig a' choinneimh oidhche Luain
Tha an oighreachd air a' mhargaidh air prìs faisg air £6.8m.
Bha deasbad aig coinneamh na h-oidhche raoir air am bu chòir dhaibh feuchainn ri cuid den talamh neo togalaichean a cheannach.
Thuirt an Dtr Andy Williamson, Cathraiche Comhairle Coimhearsnachd Shlèite, nach eil cuis taice ann airson an oighreachd air fad sa bheil 20,000 acaire a cheannach.
"Tha sinn ag aithneachadh cho cudromach 's a tha e gum bi an roghainn sin aig na croitearan agus chan eil sinn airson an sàrachadh," thuirt e.
- Air fhoillseachadh1 An Giblean
- Air fhoillseachadh26 Am Màrt
Chuala a' choinneamh gun cosgadh e suas ri £5m not Caisteal Armadail a chàradh.
Tha Flòraidh NicIlleathain, a tha a' fuireach ann an Tarsgabhaig, a' smaoineachadh "airson Ionad Chlann Dòmhnaill fhèin gum biodh sin na b' fheàrr dhuinn na an oighreachd uile gu lèir".
Tha Iain MacFhionghain, à Camas Cros, ag ràdh gu bheil iad "a' cumail dorsan fosgailte".
Thuirt e: "Feumaidh sinn a bhith a' smaoineachadh air na cothroman a tha a' nochdadh air fad."
