Dragh às ùr mu ghainnead thaighean-beaga poblach san Eilean Sgitheanach

- Air fhoillseachadh
Tha dragh ann nach eil gu leòr thaighean-beaga san Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse chan e a-mhàin do mhuinntir an àite ach do na mìltean luchd-turais a tha an sgìre a' tàladh.
Tha gu leòr de thaighean-bìdh ann agus tha faisg air 1,500 àite san Eilean Sgitheanach air an leigeil a-mach air màl do luchd-turais a bharrachd air pailteas de thaighean-òsta.
Ged a tha Comhairle na Gàidhealtachd air taighean-beaga poblach fhosgladh tha iad ag ràdh nach fheum iad sin a dhèanamh fon lagh agus gu bheil an sporran poblach gann.
Mar sin, tha iomairtean ionadail air a bhith a' dol airson a' bheàrn sin an goireasan poblach a lìonadh.
Bho chionn beagan bhliadhnaichean chuir Urras Phort Rìgh agus a' Bhràighe taighean-beaga aig a' chidhe sa bhaile le prìs ri pàigheadh airson an cleachdadh.
Ach chan eil e air soirbheachadh leotha mar a mhìnich Iona NicDhòmhnaill a tha ag obair don urras choimhearsnachd.
"Tha daoine 's dòcha ro mhodhail agus bidh iad a' cumail nan dorsan fosgailte do na daoine a tha a' tighinn às an dèidh," thuirt i.
Mar sin, dùnaidh na taighean-beaga aca aig deireadh na Dàmhair.
Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh nach eil buidseat acasan airson an gabhail os làimh.
Dùil gum fosgail taighean-beaga aig an Stòr
- Air fhoillseachadh1 An t-Ògmhios 2021
Airgead 'son taighean-beaga poblach
- Air fhoillseachadh17 Am Màrt 2021
Dìth thaighean-beaga na thrioblaid san Eilean Sgitheanach
- Air fhoillseachadh22 An t-Ògmhios 2017
Nas fhaide deas chuireadh cachalaidh turnstile an sàs aig na taighean-beaga poblach san Ath Leathann agus sa Chaol airson dèanamh cinnteach gum pàigheadh gach duine airson na goireasan a chleachdadh.
Tha ceist air nochdadh an gabh na goireasan sa Chaol a chumail a' dol anns an ùine fhada ge-tà.
Tha Cathraiche Urras Coimhearsnachd a' Chaoil agus Loch Aillse, Magaidh Choineagan, ag ràdh gu bheil an togalach daor a ruith.
Thuirt i: "Tha e feumach mullach ùr agus làrach ùr agus an uidheamachd a thoirt gu ìre far a bheil i ag obrachadh fad na h-ùine.
"Tha e gu bhith na thrioblaid mhòr mura gabh leasachadh air choireigin agus tha sinn air iarrtas a chur chun na comhairle airson taic."
Dhùin an t-ùghdarras ionadail na taighean-beaga a bh' aca aig Cidhe Ùige san Lùnasdal.
Tha an t-ùghdarras ionadail fhathast a' ruith ghoireasan am meadhan Phort Rìgh, aig Bodach an Stòirr agus an Gleann Breatail.
Chan eil taighean-beaga idir ann aig cuid de na làraichean eile as motha a bhios a' tarraing luchd-turais, Rubha na h-Èisde nam measg.
Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh nach eil dleasdanas laghail orra gum bi taighean-beaga poblach ann.
Tha Iona NicDhòmhnaill bho Urras Phort Rìgh agus a' Bhràighe ag ràdh gu bheil truas aice ri luchd-turais a dh'fhaodadh a bhith an èiginn.
Bidh na goireasan acasan aig cidhe a' bhaile a dhùnadh an ath-mhìos agus thuirt i gun cuireadh iad fàilte air gnìomhachas ionadail a bhiodh deònach na goireasan a ruith.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh15 An t-Ògmhios 2018

- Air fhoillseachadh13 An t-Ògmhios 2018

- Air fhoillseachadh19 An t-Samhain 2024
