Maill air a' phlana 'son cìs air luchd-turais sna h-Eileanan an Iar

- Air fhoillseachadh
Nì Comhairle nan Eilean Siar measadh air a' bhuaidh a bhios aig cìs turasachd air ùghdarrasan ionadail eile mus dèan iad co-dhùnadh air moladh tè a chùr an sàs gu h-ionadail.
Bhon t-Sultain an-uiridh tha còir air a bhith aig ùghdarrasan ionadail cìs a chur air luchd-turais airson gach oidhche a dh'fhuiricheas iad.
San Fhaoilleach am-bliadhna b' e Comhairle Bhaile Dhùn Èideann a' chiad ùghdarras ionadail a bhòt airson a' chìs a chur an sàs.
Rinneadh co-chomhairlean poblach mu mholaidhean cìs turasachd a thoirt a-steach air a' Ghàidhealtachd agus an sgìre Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid.
Nuair a thàinig co-chomhairle Comhairle na Gàidhealtachd gu ceann aig deireadh a' Mhàirt, chuir an t-ùghdarras ionadail dàil air na planaichean gu coinneimh nach deach a stèidheachadh fhathast.
Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gum faod cìs de leithid a bhith gu math luachmhòr, ach thuirt aithisg a chunnaic buill Comataidh an Leasachaidh Mhaireannaich aig Comhairle nan Eilean Siar gur dòcha gur e glè bheag de bhuannachd a thigeadh àiste.

Tha molaidhean ann iarraidh air daoine a thig air bàtaichean-crùs cìs a phàigheadh
Tha beachdan cuideachd gan sireadh gu nàiseanta air molaidhean Riaghaltas na h-Alba gum pàigh luchd-siubhail nam bàtaichean-turais cìs.
Thathar cuideachd a' moladh cìs iarraidh air luchd-turais nuair a ruigeas iad port neo port-adhair.
Bhòt comhairlichean eileanach dàil a chur rè ùine air cìs turasachd a thoirt a-steach feuch mar a dh'obraicheas an sgeama an sgìrean comairle eile, agus gus leigeil leotha cìs àite-inntrigidh a chur an sàs ma 's e sin an roghainn as fheàrr.
San fhreagairt a thug iad do cho-chomhairle Riaghaltas na h-Alba air cìs àite-inntrigidh, thuirt a' Chomhairle gum faodadh nach biodh na h-uimhir de dh'uallach rianachd na cois air ùghdarrasan ionadail an taca ris an obair a bhiodh ann dhaibhsan dèiligeadh ri còrr air 1,000 àite-fuirich.
Chuala a' chomataidh cuideachd gun do dh'aontaich na comhairlean ann an Arcaibh agus Sealtainn dàil a chur air planaichean cìs turasachd a chur an gnìomh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh26 Am Màrt

- Air fhoillseachadh26 An Lùnastal 2024
