An Glen Sannox air tòiseachadh gu h-oifigeil

- Air fhoillseachadh
Tha am bàta às ùr aig CalMac, an Glen Sannox, air tòiseachadh gu h-oifigeil ann an seirbheis na companaidh.
Ged a sheòl i le luchd-siubhail oirre an-dè, 's e Diluain a' chiad là de sheirbheis oifigeil aice, agus i bliadhnaichean air dheireadh agus air na milleanan mòra notaichean a bharrachd na bha còir a chosg.
Bha i rud beag air dheireadh a' fagail an Truthail ri linn na droch shìde a thug buaidh air grunn sheirbheisean aiseig Diluain.
Tha dragh ann cuideachd ge-tà, agus am bàta a' seòladh eadar Arainn agus an Truthail seach Àird Rosain, agus port a' bhaile sin feumach air a leasachadh.
Tha dòchas nas fharsainn ann ge-tà, gum bi bàta eile a bhith ann an seirbheis a' cuideachadh ChalMac le cuid den uallach a tha orra.

Chuireadh an t-aiseag air bhog gu h-oifigeil ann an 2017 le Nicola Sturgeo a bha ann an dreuchd a' Phrìomh Mhinisteir aig an àm.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh21 An t-Samhain 2024
- Air fhoillseachadh8 Am Faoilleach
- Air fhoillseachadh21 An t-Samhain 2024
- Air fhoillseachadh19 An t-Samhain 2024