Cabhag ga h-iarraidh air leasachadh an A9

Rathad an A9Tùs an deilbh, Reuters
  • Air fhoillseachadh

Tha am ball-pàrlamaid Albannach, Fearghas Ewing, air càineadh a dhèanamh air clàr-ama an riaghaltais a thaobh rathad an A9 a dhèanamh dà-fhillte.

Nochd Mgr Ewing a bheachd an dèidh mar a chaidh sreath phàipearan fhoillseachadh an t-seachdain seo chaidh mar phàirt den phròiseas laghail fearann a cheannach gus an gabh obair tòiseachadh air na 15 mìle eadar An Sloc agus Dail Radaidh.

'S e amas an riaghaltas Albannaich an A9 air fad eadar Inbhir Nis agus Peairt a dhèanamh dà-fhillte ro 2035, 10 bliadhna nas anmoiche na bha dùil.

Thuirt Mgr Ewing gu bheil einnseanairean air innse dha gum b' urrainn dhan obair a bhith air a dhèanamh mòran nas luaithe na sin.

"Cha d' fhuair a' Ghàidhealtachd buannachd à leasachaidhean rathaid no rèile cleas mar a fhuair an còrr de dh'Alba on thòisich fèin-riaghladh.

"Mar sin, tha mi den bheachd gu bheil e mar dhleasdanas air an riaghaltas an rud ceart a dhèanamh," thuirt Mgr Ewing.

Tha an riaghaltas ag ràdh gu bheil iad a' coimhead ri mar a ghabhas am pròiseact a chrìochnachadh nas luaithe.

Chuireadh dàil air an obair airson an earrann den rathad eadar A' Mhòigh agus An Tom Aiteann a dhèanamh dà-fhillte agus tha dùil a-nis gun tòisich sin tràth sa bhliadhna ùir.

Cha dà earrann sa bheil 11 mìle den phrìomh-rathad a leasachadh sna 10 bliadhna a dh'fhalbh mar phàirt den phròiseact dùblachaidh luach £3bn.

Tha sin a' fàgil 77 mìle den rathad nach deach a dhèanamh dà-fhillte fhathast.

Tuilleadh air an sgeulachd seo