Alba air fad "an cunnart mòr" bho theintean monaidh bho Dhiciadain

Teine monaidh air Àird na Saighde Tùs an deilbh, Reuters
Fo-thiotal an deilbh,

An teine a sgap air Àird na Saighde oidhche na Sàbaid agus amharas ann gur e cuideigin a thòisich e

  • Air fhoillseachadh

Tha Seirbheis Smàlaidh na h-Alba air rabhadh mu theintean monaidh airson cha mhòr an dùthaich gu lèir a sgaoileadh airson an 10mh turas am-bliadhna.

Thuirt iad nach bu chòir do dhaoine teine a chur air a' bhlàr a-muigh agus cunnart mòr gum bi teintean monaidh ann fad seachd là a' toiseachadh Diciadain.

B' fheudar do luchd-smàlaidh dèiligeadh ri teine mòr aig Àirde na Saighde (Arthur's Seat) ann an Dùn Èideann Didòmhnaich agus beachd aca gur e dol a-mach mhic an duine as coireach ris.

Tha seo an dèidh grunn theintean air a' bhlàr a-muigh air feadh na dùthcha sna mìosan a dh'fhalbh a rinn milleadh mòr air an àrainneachd.

Bidh an rabhadh às ùr seo an sàs air taobh sear na h-Alba eadar Diciadain agus Dihaoine agus thèid a leudachadh nas fhaide sear agus gu taobh an iar na dùthcha eadar an 16mh agus an 17mh den Lùnastal.

Bidh e a' toirt a-steach Alba gu lèir cha mhòr Diluain agus Dimàirt an ath-sheachdain,

Tha Niall MacIllinnein bho Sheirbheis Smàlaidh na h-Alba ag ràdh gur e daoine a bu choireach ris a' chuid as motha de theintean monaidh.

"Aig na h-amannan as motha far a bheil cunnart bho theintean fiadhaich tha sinn ag iarraidh air daoine gun barbecues so-ghiùlain a chleachdadh, gun a bhith a' tilgeil thoitean air an làr neo teine a bhith aca nuair a tha iad a' campachadh neo faisg air àite duilleach," thuirt e.