'Poileasaidh Gàidhlig a' cur ri crìonadh a' chànain'

Pàrlamaid na h-Alba
  • Air fhoillseachadh

Cluinnidh buill na pàrlamaid Albannaich rabhadh Dimàirt gu bheil poileasaidh Gàidhlig a' cur ri crìonadh a' chànain ann an Alba.

Thig an rabhadh bho dhithis de dh'ùghdaran an leabhair The Gaelic Crisis in the Vernacular Community, Conchúr Ó Giollagáin is Gòrdan Camshron.

Tha trì bliadhna bho nochd an leabhar is e ag ràdh gu bheil a' Ghàidhlig ri uchd bàis mar chànan na coimhearsnachd anns na h-eileanan agus gu bheil feum air atharrachadh mòr ann am poileasaidh airson sin a chur ceart.

Tha ùghdaran an leabhair air a bhith ag ràdh bhon uair sin nach eil buidhnean poblach deònach aideachadh gu bheil staing ann, nach eil poileasaidh Gàidhlig ag obair, is nach deach mòran adhartais a dhèanamh bho dh'fhoillsich iad an leabhar.

Canaidh Mgr Ó Giollagáin is Mgr Camshron ri buill aig Holyrood Dimàirt às ùr nach eil buidhnean poblach le dleasdanas airson na Gàidhlig a' gabhail ris an fhirinn mu staing na Gàidhlig.

Cuiridh iad an cèill gu bheil na buidhnean mar sin a' cur ri crìonadh na Gàidhlig.

Tachraidh seo aig tachartas sa phàrlamaid a chuir am BPA Làbarach Mìchael Marra air dòigh is cothrom aig buill Holyrood bruidhinn ri ùghdaran an leabhair.

Litir fhosgailte

Aig an dearbh àm, tha dùil ri litir fhosgailte bhon bhuidhinn iomairt Misneachd mu phoileasaidh Bhòrd na Gàidhlig air foghlam is còir laghail aig pàrantan air FtMG.

Tha dragh air a' bhuidhinn cuideachd gu bheil cus cuideim air àireamhan ann am foghlam Gàidhlig seach ìre a' chànain.

Thuirt Bòrd na Gàidhlig gu bheil iad a' conaltradh ri Misneachd is gu bheil iad an dòchas gun tèid coinneamh leotha a chur air dòigh a dh'aithghearr.

Tha dùil ri crathadh air poileasaidhean Gàidhlig is Riaghaltas na h-Alba gus Bile nan Cànanan Albannach fhoillseachadh san t-Samhain.

An t-seachdain seo chaidh, dh'fhoillsich an riaghaltas aithisg ùr a bha a' coimhead ri dòighean gus a' Ghàidhlig a neartachadh tro leasachadh eaconomach.

Thuirt an riaghaltas gun coimhead iad gu mionaideach air molaidhean na h-aithisg.