Ath-sgrùdadh cùirte ga iarraidh air campas sgoile ùr Mhuile

- Air fhoillseachadh
Tha luchd-iomairt ann am Muile air tagradh a dhèanamh ri Cùirt an t-Seisein airson ath-sgrùdadh cùirte fhaighinn air co-dhùnadh Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid campas sgoile ùr a thogail ann an Tobar Mhoire.
Tha iomairt air a bhith a' dol ann am Muile gun deadh an t-àrd-sgoil ùr a stèidheachadh air làrach nas fhaisge air Creag an Iubhair, 's bun-sgoil ùr a thogail ann an Tobar Mhoire fhèin do chloinn na sgìre sin.
Bhiodh sin a' ciallachadh nach biodh aig clann a tha a' fuireach sa Ros Mhuileach an ceann a deas an eilein a dhol dhan àrd-sgoil san Òban agus a' fuireach ann an ostail tron t-seachdain.
Ach cho-dhùin a' Chomhairle sa Mhàrt gun robh iad airson a dhol air adhart le campas ann an Tobar Mhoire.
- Air fhoillseachadh24 Am Màrt
Thuirt an luchd-iomairt nach robh "dol às" aca ach neach-lagha fhastadh airson ath-sgrùdadh laghail air co-dhunadh an ùghdarrais ionadail.
Bidh e an urra ri britheamh breithneachadh an robh sin laghail.
Thuirt neach-labhairt Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid: "Chaidh innse dhuinn gun deach tagradh a dhèanamh ri Cùirt an t-Seisein sa mhadainn agus bidh sinn a' dèanamh sgrùdaidh air an tagradh aon uair agus gum faigh sinn e.
"Chan urrainn dhuinn an còrr a ràdh aig an ìre seo."

Ann an agallamh le BBC Scotland, thuirt Tracy Mayo, cathraiche na buidhne-iomairt, gur ann mu dhèidhinn clann a h-uile duine a bha seo.
Thuirt i: "Tha seo a' toirt buaidh air Muile gu lèir agus cho seasmhach agus a bhios e fuireach an seo.
"Tha diofar ann eadar na tha coimhearsnachd a' ciallachadh dhuinne agus na tha e a' ciallachadh don chomhairle.
"Thuirt sinn riamh gu bheil sinn airson a bhith ag obair còmhla ris a' chomhairle againn ach chan ann mar seo.
"'S e a obair mhòr faighinn chun na h-ìre seo. Tha saor-thoilich air ùine a chall le an teaghlaichean, tha ar teaghlaichean air a bhith foighidinneach agus taiceil agus mar an ceudna a' choimhearsnachd mhìorbhaileach ann am Muile."
- Air fhoillseachadh7 Am Màrt
- Air fhoillseachadh25 An Giblean 2024
Tha e a' tighinn air clann às an Ros Mhuileach, an iar-dheas an eilein, a dhol dhan Òban dhan àrd-sgoil bho aois 11, gun tilleadh dhachaigh ach air an deireadh-sheachdain.
Tha an luchd-iomairt ag ràdh gum biodh àrd-sgoil ùr ann an Creag an Iubhair a' toirt cothrom don chloinn sin fuireach aig an taigh, leis gum faigheadh iad ann 's air ais air an aon là.
Thuirt a' chomhairle ge-tà gum biodh dà champas air leth a' cosg £12m a bharrachd dhaibh, agus gum faodadh gun cailleadh iad am maoineachadh a gheall Riaghaltas na h-Alba nan robh an còrr dàlach ann.
Bhòt iad airson plana an sgoil ùr a thogail ann an Tobair Mhoire faisg air far a bheil an sgoil an-dràsta.
Thòisich luchd-iomairt ath-chuinge agus thog iad fianais an aghaidh a' cho-dhùnadh, agus chaidh an gnothach a dheasband ann an Holyrood.