Taic do champas ùr Mhuile a thogail an Ceann a Deas Thobair Mhoire

- Air fhoillseachadh
Dh'aontaich Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid a dhol air adhart le campas sgoile ùr £43m ann am Muile a thogail ann an Ceann a deas Thobair Mhoire.
Bha coinneamh shònraichte aig an ùghdarras ionadail ann an Ceann Loch Gilb feasgar Dihaoine gus a' chùis is deasbad is connspaid mhòr air a bhith ann anns na mìosan mu dheireadh.
'S e coinneamh shradagach a bh' ann aig amannan is comhairlichean a' togail dhraghan mun phròiseas, is oidhirp ann an gnothach a stad rè ùine gus am biodh cothrom coimhead air mar a ghabhadh airgead a bharrachd a lorg gus àrd-sgoil a thogail ann an Creag an Iubhair agus bun-sgoil ann an Tobar Mhoire.
Thuirt oifigich gun cosgadh leasachadh air dà làrach £12m a bharrachd le feum air àrdachadh sa chìs-chomhairle, is le rabhadh cuideachd gum faodadh seo dàil a chur air a' phròiseact agus buaidh fiù 's a thoirt air seirbheisean air feadh Earra-Ghàidheal.

An làrach ann an Ceann a deas Thobair Mhoire
Bha a' chomhairle air dearbhadh an-uiridh gun rachadh sgoil ùr a thogail is gearanan ann mu staid Àrd-sgoil Thobair Mhoire.
Thuirt iad gur e sgoil 2-18 a bhiodh ann le sgoil-àraich, bun-sgoil is àrd-sgoile na cois, is a' dol an àite na th' ann an Tobar Mhoire an-dràsta.
Ach thòisich deasbad mòr ann am Muile is cuid airson is gun rachadh an t-àrd-sgoil a thogail ann am meadhan an eilein.
Bhiodh seo a' freagairt na b' fheàrr air coimhearsnachdan ann am pàirtean eile de Mhuile, thuirt iad, nam measg clann ann an ceann a deas an eilein, a tha an-dràsta a' dol dhan àrd-sgoil san Òban.
Ach thuirt Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid bho thùs gun robh maoineachadh a' phròiseict a' ciallachadh gum feumadh bun-sgoil is àrd-sgoil a bhith air an aon làraich is mar sin, nam biodh an làrach sin ann am meadhan Mhuile nach biodh bun-sgoil ann an Tobar Mhoire tuilleadh.
Thuirt a' chomhairle às ùr an t-seachdain seo gun robh e gu math sìmplidh: nach robh airgead aca gus dà sgoil a thogail.

Bha oifigich an ùghdarrais air làrach ann an Ceann a deas Thobair Mhoire a mholadh mar an làraich as fheàrr air geàrr-liosta de cheithir àitichean.
Air a' cheann thall chaidh gabhail ris a' mholadh sin aig a' choinneimh Dihaoine.
"Chan e co-dhùnadh furasta a bh' ann is tha sinn a' tuigsinn gu bheil tòrr bheachdan eadar-dhealaichte ann", thuirt ceannard an fhoghlaim, an Comh Audrey Forrest.
"'S e am prìomhachas ge-tà an campas as fheàrr as urrainn dhuinn fhaighinn 'son òigridh Mhuile.
"Thig cothroman mòra an cois seo do dhaoine òga agus airson fàs a thoirt air eaconamaidh Mhuile anns na ginealachdan ri thighinn.
"Tha sinn fhathast aig ìre-thràth ach 's e clach-mhìle mhòr a tha seo".
Thuirt i gum bi a' chomhairle a-nise ag ullachadh cùis-gnothachais air thoiseach air co-chomhairle phoblach a chur air dòigh.