A bhith aig a' Mhòd "an obair as tlachdmhoire a th' ann"

Seumas Greumach aig a' chaismeachd sa Ghearasdan an t-seachdain seo chaidhTùs an deilbh, An Comunn Gàidhealach
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Seumas Greumach a' fàgail A' Chomuinn airson obair a ghabhail òs làimh le Bòrd na Gàidhlig

  • Air fhoillseachadh

Tha Mòd Loch Abair cha mhòr seachad agus tha linn ùr ron Chomunn Ghàidhealach ris a bheil prìomh fhèis na Gàidhlig an urra.

Tha Seumas Greumach air a bhith aig an stiùir airson faisg air sia bliadhna ach tha e a' falbh airson dreuchd ùr le Bòrd na Gàidhlig.

Tha Seumas ag ràdh gur e a bhith aig a' Mhòd fhèin "an obair as tlachdmhoire" dha.

Chan eil ach sianar sa sgioba agus 's e an obair as motha aca tron bhliadhna airgead gu leòr fhaighinn airson an ath-mhòid.

"Cho luath 's a tha aon mhòd seachad tha thu a' tòiseachadh às ùr a' lorg maoineachaidh gu leòr airson buidseat an tachartais a chur air dòigh," mhìnich Seumas agus e a' bruidhinn ri Dòmhnall Moireasdan air Aithris na Maidne.

Tha am Mòd a' faighinn maoineachaidh bho bhuidhnean poblach agus bhon ùghdarras ionadail sa sgìre far a bheil e ga chumail, ach tha Seumas ag ràdh gum feum iad a dhol a-steach don roinn phrìobhaidich airson "buidseat slàn seasmhach a chur air dòigh".

Fo-thiotal a’ bhidio,

Seumas Greumach agus Peigin NicIllinnein a' bruidhinn air Aithris na Maidne

Còmhla ris bha Peigi NicIllinnein a bhios a' gabhail àite Sheumais mar àrd-oifigear A' Chomuinn Ghàidhealaich.

Thuirt i: "Tha dùbhlan romham agus 's e urram mòr a th' ann a bhith a' togail air an obair a tha Seumas air a dhèanamh."

A bharrachd air airgead a thogail fad na bhliadhna, tha uallach air an sgioba còrr is 200 farpais agus faisg air 100 tachartas air iomall a' Mhòid a lìbhrigeadh.

Rinn i moladh air cho math 's a tha An Gearasdan airson a' Mhòid.

"Tha mi a' smaoineachadh gur e coimhearsnachd gu math Gàidhealach a th' ann agus tha daoine a' dol a-mach gu tachartasan agus gu na farpaisean agus tha sin a' toirt togail dhomh," thuirt i.

Peigi NicIllinnein agus lòchran laiste na làimh air caismeachd a' MhòidTùs an deilbh, An Comunn Gàidhealach
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Peigi NicIllinnein air obair Sheumais Ghreumaich a ghabhail thairis mar àrd-oifigear A' Chomuinn Ghàidhealaich

'S e adhbhar misneachd a th' ann don Chomunn cuideachd gu bheil an ìre de thàlant am measg nan seinneadairean òga cho àrd.

Bha buannachd na h-iomairt a thòisich iad ann an 2020 airson an òigridh a bhrosnachadh follaiseach am-bliadhna a rèir Sheumais.

"Chaidh còrr is 200 sgoilear air adhart dhan Mhòd Nàiseanta mar thoradh air Acadamaidh a' Mhòid," thuirt e.

'S e an dùbhlan a-nis barrachd inbheach a bhrosnachadh - na fir gu h-àraid - cur a-steach airson farpais seinn Bonn Òir a' Chomuinn.

'S dòcha gum faicear buil na h-obrach sin aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail an ath-bhliadhna a bhios ann an Glaschu.

Tuilleadh air an sgeulachd seo