Cosgais a' phlèana a' toirt air Eileanaich falbh, a rèir chomhairliche

Itealan Loganair san adharTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Rinn Cathraiche na Còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar càineadh air cho àrd 's a tha na faraidhean-adhair eadar an sgìre agus tìr-mòr.

Mhìnich e gu bheil na tursan aige fhèin air ais agus air adhart air a dhol os cionn £500 aig amannan gun ADS, an sgeama fo gheibh eileanaich lasachadh air faraidhean.

Tha an Comh. Ùisdean Robasdan ag ràdh gun cuala iad aig coinneimh sna Hearadh gu bheil cho cosgail 's a tha siubhal air a' phlèana am measg nan duilgheadasan a th' air toirt air cuid na h-Eileanan an Iar fhàgail.

Thuirt e: "Tha daoine ag iarraidh siubhail a choimhead air teaghlaichean air ais 's air adhart nach eil buileach cho cosgaiseach."

'S e Loganair an aon chompanaidh a tha a' ruith sheirbheisean-adhair eadar na h-Eileanan an Iar agus tìr-mòr.

Tha Comhairle nan Eilean Siar air iarraidh roimhe air Riaghaltas na h-Alba gun tèid inbhe PSO a chur air cuid de shlighean ach tha ministearan ag ràdh nach gabh sin dèanamh leis gu bheil Loganair a' ruith sheirbheisean coimeirsealta.

Thuirt Mgr Robasdan: "Tha sinn air tòrr ùine a chur seachad ag argamaid mu dheidhinn aiseagan is clàran-ama ach 's dòcha nach eil sinn air a bhith a' coimhead cho dlùth air seirbheisean-adhair 's a tha còir againn agus a dh'fheumas sinn."

Thuirt iad gun robh "còmhradh mòr" aca mun chuspair aig coinneimh leis a' chompanaidh-adhair.

"Thuig iad gun robh cùisean a' fàs gu math doirbh agus gum feumte obrachadh còmhla, Loganair, a' Chomhairle agus buidhnean eile agus an riaghaltas, gus coimhead a bheil dòighean eile seirbheisean a thoirt seachad."

Tha Mgr Robasdan den bheachd gum bu chòir tagraichean na sgìre airson taghaidhean Pàrlamaid na h-Alba an ath-bhliadhna gealltainn gum feuch iad ri fuasgladh fhaighinn oir tha e "gu math soilleir gum feum rudeigin atharrachadh".

Tha Loganair ag ràdh nach toir iad seachad beachd.