Dùil gun tèid cùmhnant Bun-sgoil Ghàidhlig a' Challtainn a thoirt seachad

Bun-sgoil Ghàidhlig a' ChalltainnTùs an deilbh, Comhairle Baile Ghlaschu
  • Air fhoillseachadh

Thèid iarraidh air comhairlichean ann an Glaschu an-diugh aontachadh ri cùmhnant luach £17.6m a thoirt seachad 'son obair-leasachaidh air bun-sgoil Ghàidhlig ùr air taobh sear a' bhaile.

Dhearbh Comhairle Ghlaschu bho thùs ann an 2021 gun rachadh an ceathramh bun-sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh sa bhaile agus gum biodh i air an taobh sear ann an sgìre a' Challtainn.

Bha Riaghaltas na h-Alba air taic a ghealltainn 'son a' phròiseict ron sin.

Bidh an sgoil stèidhichte ann an togalach Bun-sgoil an Naoimh Seumas, a chaidh a thogail aig deireadh an 19mh linn is a dhùin ann an 2009.

Tha clann a bhios innte an-dràsta air an teagasg ann am Bun-sgoil Chealbhainn a Tuath.

Chaidh cead-dealbhachaidh a thoirt seachad an-uiridh.

Bha dùil bho thùs gun cosgadh am pròiseact £16.5m ach tha cosgaisean air èirigh a-nise gu £23.8m.

Làrach na sgoile ùireTùs an deilbh, Google

Tha a' Chomhairle ag ràdh gu bheil feum air barrachd obrach-leasachaidh na bha dùil is gur e sin agus suidheachadh caochlaideach na h-eaconamaidh gu h-eadar-nàiseanta as coireach airson an àrdachaidh.

Tha dàil air a dhol air a' phròiseact cuideachd le dùil a-nise gum bi clann san sgoil san Dàmhair 2026 seach san Fhaoilleach.

A thuilleadh air obair air an togalach a th' ann, thèid togalach ùr a stèidheachadh.

Aig coinneimh de Chomataidh na h-Àrainneachd Dimàirt rinn comhairlichean moladh air an adhartas a tha ga dhèanamh le Bun Sgoil Ghàidhlig a' Challtainn agus pròiseactan eile ceangailte ri làraichean dualchais.

Chuala a' choinneamh sin nach eil dùil aig an ìre seo gun èirich na cosgaisean a-rithist.

Thèid iarraidh an-diugh air Comataidh nan Cùmhnantan aig Comhairle Ghlaschu, taobh a-muigh cùmhnant luach £17,672,780 a thoirt dhan bhuidhinn City Building Contracts LLP - a tha ceangailte ris an ùghdarras ionadail ach fa leth bhuapa - airson an sgoil ùr a thoirt gu buil.

Ma thachras sin, tha dùil gun tòisich obair-togail an ath-mhìos.