Clann Dòmhnaill air diùltadh Oighreachd Shlèite a thoirt far na margaidh

Caisteal ArmadailTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Tha togalaichean Chaisteil Armadail feumach air na milleanan mòra a bhith air na cosg orra, a rèir Urras Fearainn Chlann Dòmhnaill

  • Air fhoillseachadh

Tha Urras Fearainn Chlann Dòmhnaill air iarrtas bho choimhearsnachd Shlèite gun tèid an oighreachd a thoirt far na margaidh a dhiùltadh.

Tha mì-thoileachas air a bhith sa choimhearsnachd bho thàinig e am bàrr an t-seachdain seo chaidh gun deach an oighreachd a chur air a' mhargaidh fhosgailte gun bruidhinn ri muinntir an àite an toiseach.

Tha an t-Urras a' sireadh £6.8m airson na h-oighreachd.

Thog Coimisean Fearainn na h-Alba, agus Fearann Coimhearsnachd na h-Alba, dragh mu mar a thachair sin, ag ràdh gu bheileas a' sùileachadh gum bi guth aig coimhearsnachdan ionadail anns na tha an dàn don fhearann air a bheil iad a' fuireach nuair a thèid oighreachdan mòra a reic.

Aig coinneimh phoblaich oidhche Mhàirt, nochd iarrtas gun deadh maill a chur air an reic.

Ann an litir gu Urrasairean Urras Coimhearsnachd Shlèite, thuirt Àrd-Stiùiriche na buidhne, Alex Stoddart, gu bheil suidheachadh ionmhais an Urrais a' fàgail nach eil roghainn aca ach an oighreachd a reic air a' mhargaidh fhosgailte sa bhad.

Ach tha iad ag ràdh, ged a tha an oighreachd fhèin air a' mhargaidh mar thà, gu bheil Caisteal Armadail agus am fearann timcheall air gun a dhol air a' mhargaidh fhathast, 's gur dòcha gum biodh cothrom aig a' choimhearsnachd sin a cheannach.

Chan eil iad an dùil sin a chur air a' mhargaidh gu as t-Samhradh, thuirt iad.

Togail-fianais Tùs an deilbh, MAGNUS GRAHAM
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh fianais a thogail taobh a-muigh Chaisteil Armadail Didòmhnaich an aghaidh na rinn an t-Urras

Caisteal Armadail

Tha suidheachadh ionmhais Urras Fearainn Chlann Dòmhnaill air fulang gu mòr bho thòisich Covid, agus tha togalaichean Chaisteil Armadail feumach air na milleanan a bhith air an cosg orra, thuirt an litir.

"Tha na h-urrasairean air beachdachadh air na roghainnean uile a bh' ann airson an t-airgead a dh'fheumte airson togalaichean Armadail a leasachadh, agus gus piseach a thoirt air teachd-a-steach na buidhne gus nach bi sinn an eisimeil ghrantaichean," thuirt Mgr Stoddart san litir.

"Ged a tha piseach mòr air tighinn air an t-suim a tha a' tighinn a-steach bho luchd-tadhail, tha na prìomh thogalaichean ann an Armadal feumach air na milleanan mòra a chosg orra, agus chan eile comasach dhan mhaoineachadh a th' againn tro ghnothachas no ghrantaichean na suimean seo a thogail."

Thuirt Mgr Stoddart nach eil an gnothachas tadhail aig Armadal seasmhach tuilleadh, 's gu bheil sin air a chuingealachadh le inbhe charthannais dhualchais na buidhne.

Coinneamh
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh iarraidh às ùr aig coinneimh de Chomairle Coimhearsnachd Shlèite oidhche Mhàirt gun tèid dàil air reic na h-oighreachd

Teaghlaichean Chlann Dòmhnaill

Thabhainn an t-Urras dà àite air buidhinn chonaltraidh do mhuinntir an àite airson beachdachadh air an t-slighe air adhart.

Dh'iarr iad air Urras Coimhearsnachd Shlèite dithis a chur air adhart is iad ag ràdh gun toir iad cuireadh do riochdairean an luchd-màil chroitearachd agus àiteachais a dhol air a' bhuidhinn.

"A thuilleadh air sin, mar charthannas dualchais dhùthchasaich, tha sinn mothachail air an fheum a th' ann airson guthan dùthchasach ionadail a bhith air an cluinntinn", thuirt an litir.

"Bu chòir don bhuidhinn a bhith a' toirt a-steach riochdairean bho theaghlaichean a bhuineas do Chloinn Dòmhnaill 's a tha dùthchasach do cheann a deas Shlèite, le co-dhiù aon duine leis a' Ghàidhlig on ghlùin nam measg."