Teintean nan "rabhainn dhan riaghaltas"

- Air fhoillseachadh
Thuirt a' bhuidheann uachdaran Fearann agus Oighreachdan na h-Alba gum bu chòir do theintean monaidh air Mòinteach an Damhath air Ghàidhealtachd toirt air Riaghaltas na h-Alba coimhead ri airgead dìolaidh do ghnothachasan is tuilleadh trèanaidh do luchd-smàlaidh.
Tha seo a' tighinn is Ministear an Àiteachais, Jim Fairlie, a' tadhal air an làraich Diardaoin - trì seachdainean bho thòisich na teintean.
Sgaoilte thairis air faisg air 12,000 heactair, tha Fearann agus Oighreachdan na h-Alba ag ràdh gur e na teintean ann an Drochaid Chàrr agus air Mòinteach an Damhath an teine monaidh as motha a-riamh an Alba - agus bha mòran bhuidhnean a' strì gus smachd fhaighinn air.

A-nis, tha Fearann agus Oighreachdan na h-Alba ag ràdh gum bu chòir Riaghaltas na h-Alba beachdachadh air airgead dìolaidh a thoirt do ghnìomhachasan air an tuath air an tug na teintean buaidh.
Dh'iarradh iad airgead cuideachd airson trèanadh adhartach do luchd-smàlaidh ann a bhith a' dèiligeadh ri teintean monaidh.

Tha Fearann agus Oighreachdan na h-Alba ag ràdh gum biodh an teine air a bhith na bu mhiosa na bha e mur a biodh gnothachasan air an tuath air a dhol an sàs ann.
Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun robh iad a' bruidhinn ris an t-seirbheis smàlaidh agus buidhnean eile gu tric fhad 's a bha teintean monaidh ann bho chionn ghoirid.
A' bruidhinn nas tràithe Diardaoin, rinn Jim Fairlie fhèin moladh air geamairean airson an cuid obrach ann a bhith a' faighinn smachd air na teintean.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh10 An t-Iuchar
- Air fhoillseachadh29 An t-Ògmhios
- Air fhoillseachadh30 An t-Ògmhios