Dùil ri bhòt air cìs turasachd do dh'Earra-Ghàidheal is Bòd

Tha turasachd air leth cudromach do dh'eaconomaidh na sgìre
- Air fhoillseachadh
Bhòtaidh comhairlichean ann an Earra-Ghàidheal 's Bòd an-diugh air am bu chòir cìs turasachd a stèidheachadh san sgìre.
Ann an co-chomhairle fhreagair 57% de dhaoine nach eil iad a' cur taic ri cìs den leithid, agus tha e coltach gu bheil luchd-aoigheachd sna h-eileanan as motha san sgìre buileach na h-aghaidh.
'S e am moladh a th' ann cìs 5% a chur air prìs oidhche aoigheachd, agus beachd ann an t-airgead a chur gu feum airson goireasan a chleachdas gach cuid luchd-turais agus muinntir an àite a leasachadh.
Tha dragh air luchd-aoigheachd ge-tà, gun cuir e luchd-turais dheth, agus an gnìomhachas air leth cudromach do dh'eaconomaidh na sgìre, gu h-àraid sna h-eileanan.
Tha gearan ann cuideachd gur e cìs a bhiodh ann air beatha eileanach, 's aig daoine a tha a' fuireach ann an eileanan na sgìre ri dhol gu tìr-mòr, gu tric thar na h-oidhche, airson leithid choinneamhan dotair is eile.
"Na tha de dhaoine a th' air bucadh againn 's a bhios a' tarraing a-mach, fad na h-ùine, o chionn 's nach do sheòl an t-aiseag - 's e a tha seo ach dìreach trioblaid eile ris am feumamaid dèiligeadh," thuirt Calum MacLachlainn, à Muile, a tha an sàs ann an gnìomhachas na turasachd.
"Agus cha chreid mi gun deach seo a smaoineachadh troimhe leis a' Chomhairle.
"Cha thuig mi idir carson nach eil a' Chomhairle a' coimhead ri eaconomaidh agus gnothachasan eileanach a bhrosnachadh an àite a bhith gam bualadh fad an t-siubhail."
Thuirt Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid gu bheil iomadach sgìre a' beachdachadh air leithid de chìs agus iad a' feuchainn ri maoineachadh a thrusadh gus am bun-structar a neartachadh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh18 An t-Ògmhios
- Air fhoillseachadh19 An Dùbhlachd 2024
- Air fhoillseachadh27 An Cèitean 2024