£7.2m airson rathad Àranais a leudachadh

An Cala Domhain ann an SteòrnabhaghTùs an deilbh, ÙGHDARRAS PUIRT STEÒRNABHAIGH
Fo-thiotal an deilbh,

Bidh an rathad gu ruige a' Chala Domhain air a leudachadh agus dùil ri mòran a bharrachd trafaig an cois obair ath-nuadhachail agus fàs ann an turasachd

  • Air fhoillseachadh

Thèid an rathad gu ruige Gàrradh Àranais agus Cala Domhain Steòrnabhaigh ann an Leòdhas a dhùblachadh air fad airson dèiligeadh ris na bhios ann de thrafaig an cois obair ath-nuadhachail agus turasachd.

Chaidh maoineachadh poblach agus prìobhaideach de £7.2m ainmeachadh madainn Diciadain Rathad Mòintich Àranais, sa bheil 3.3km, a leasachadh.

Tha £3.4m a' tighinn bhon dà chuid Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean agus SSEN, agus cosgaidh Ùghdarras Port Steòrnabhaigh £409,000 air a' phròiseact.

Bha an Leas-Phrìomh Mhinistear, Ceit Fhoirbeis, aig an làraich Diciadain agus a chuir spaid dhan talamh.

Thuirt i: "Nì am maoineachadh seo cinnteach gu bheil an Cala Domhain agus na goireasan an Àranais deiseil airson coinneachadh ris an iarrtas a bhios ann agus airson a bhith a' tàladh obrach agus in-ionmhais a bharrachd."

Bidh an rathad leasaichte eadar prìomh-rathad an A859 agus Rubha Àranais nas freagarraiche do làraidhean-bathair mòra agus na bhios de thrafaig an cois nan soithichean-turais as urrainn a-nis ceangal ris a' chidhe aig a' Chala Domhain.

Tha am pròiseact "mar phàirt den phlana aca a' bhuannachd as motha fhaighinn à Àranais agus an Cala Domhain", a rèir Àrd-oifigear Phort Steòrnabhaigh, Alex MacLeòid.

Thuirt e: "Tha e a' cur gu mòr ri obair a' Phuirt aig stiùir fàs eaconomach nan eilean, a' lìbhrigeadh a' bhun-structair a dh'fheumas gnìomhachas, a' tarraing in-ionmhais ùir a-steach agus a' cruthachadh chosnaidhean matha ann an Leòdhas air fad."