Gàrradh Àranais ag amas air luchd-obrach a dhùblachadh

Luchd-obrach Àranais
Fo-thiotal an deilbh,

Thathar ag amas air 300 duine fhastadh aig Gàrradh Àranais taobh a-staigh an ath dhà bhliadhna

  • Air fhoillseachadh

Tha Gàrradh Àranais ann an Leòdhas an dòchas gum bi obair gu leòr aca airson 300 duine ma thèid aca air cùmhnantan niùclasach, ola, gas agus cumhachd ath-nuadhachail fhaighinn.

'S e Navantia a tha a' ruith na làraich a-nis an dèidh do Harland & Wolff a dhol ann ann an rianachd an-uiridh.

Bha a' chompanaidh, leis an riaghaltas Spàinneach, air gealltainn obair-leasachaidh a dhèanamh aig na gàrraidhean Albannach aca.

Tha manadsair Àranais, Albert Allan, ag ràdh gu bheil an t-airgead a tha Navantia a' cur a-steach don ghàrradh agus na goireasan a th' aca mar-thà air leigeil leotha seo a dhèanamh.

Albert Allan, Manaidsear Gàrradh Àranais
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Manaidsear Gàrradh Àranais, Albert Allan, ag ràdh gu bheil adhbhar aca airson a bhith misneachail mun àm ri teachd

Tha a-nis barrachd air 165 luchd-obrach làn-ùine aig a' ghàrradh air iomall Steòrnabhaigh.

Ghabh Mgr Allan ris gur e dùbhlan a bhios ann an àireamh sin a dhùblachadh taobh a-staigh dà bhliadhna ach thuirt iad gu bheil iad misneachail.

"Tha aonta còig bliadhna againn le companaidh mhòr agus tha iadsan a' coimhead air grùnn phròiseactan a chur tron ghoireas san ath thrì no ceithir bliadhna.

"Nuair a thig e gu niùclasach, tha companaidh a' tilleadh thugainn le obair mhòr ùr an cois Sizewell C."

Tha cuideachd tòrr obrach gu bhith aca an cois phròiseactan ath-nuadhachail a tha san amharc gu h-ionadail, tha Mgr Allan ag ràdh.

Donaidh Moireach, preantas ann an Àranais
Fo-thiotal an deilbh,

Thòisich Donaidh Moireach na phreantas ann an Àranais bho chionn trì bliadhna

Tha 35 preantasan aca agus tha iad ag ràdh gum bu mhath leotha cothrom trèanaidh a thoirt do bharrachd dhaoine òga.

"Tha an luchd-obrach a' fàs sean agus tha daoine airson a bhith a' leigeil seachad an obair thairis air na beagan bhliadhnaichean ri thighinn agus feumaidh sinn na beàrnan sin a lìonadh.

"'S e an rud math le Navantia gu bheil iad airson na daoine againn fhèin a thrèanadh agus dèanamh cinnteach gu bheil an t-uabhas sgil aca," thuirt Mgr Allan.

Tha iomadh bliadhna de mhì-chinnt air a bhith a' cuairteachadh Àranais bho chaidh a stèidheachadh ann an 1974 ach thuirt Mgr Allan nach robh an goireas a-riamh cho seasmhach 's a tha e an-dràsta.

Tuilleadh air an sgeulachd seo