"Cosg airgead na h-oighreachd air a' chaisteal, an taigh-tasgaidh sna gàrraidhean"

Caisteal ArmadailTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Tha iarrtas ann gun deadh airgead sam bith a thig bho bhith a' reic Oighreachd Chlann Dòmhnaill ann an Slèite a chosg air Caisteal Armadail, agus an taigh-tasgaidh sna gàrraidhean a tha na chois.

Bha Aonghas Dòmhnallach, ball pàrlamaid na sgìre ann an Westminster, a' bruidhinn agus beachd ann an ceann an deas an Eilein Sgitheanaich gur e faochadh a bhiodh ann faighinn caoidhteas Urras Chlann Dòmhnaill mar uachdaran na h-oighreachd.

Chuir an t-urras an oighreachd, anns a bheil 19,200 acair, air a' mhargaidh airson £6,750,000 sa Mhàirt.

Thèid an caisteal (seann chaisteal a' chinn-fheadhna), an taigh-tasgaidh agus na gàrraidhean a reic fa leth bhon chòrr dhen oighreachd agus tha dùil gun tèid sin air a' mhargaidh as t-samhradh.

Thogar fianais taobh a-muigh Chaisteil Armadail bho chionn beagan sheachdainnean an aghaidh mar a chur an t-urras an oighreachd air a' mhargaidhTùs an deilbh, Magnus Graham
Fo-thiotal an deilbh,

Thogar fianais taobh a-muigh Chaisteil Armadail bho chionn beagan sheachdainnean an aghaidh mar a chuir an t-urras an oighreachd air a' mhargaidh

Tha mì-thoileachas air a bhith sa sgìre nach deach bruidhinn ris a' choimhearsnachd mu dheidhinn ro làimh.

Bha mothachadh ann an Slèite gu robh trioblaidean aig an urras leis an oighreachd fhèin agus le a bhith a' cumail nan togalaichean ann an òrdugh.

Tha buidheann bheag de mhuinntir an àite air a bhith a' cur fios air an urras feuch bruidhinn riutha mu na tha san amharc aca.

Thuirt Anndra Prendergast bho Bhuidhean-ceangail Shlèite: "Tha sinn air a bhith a' feuchainn ri bruidhinn ri na h-urrasairean bho chionn bliadhna airson faighinn a-mach de a bha a' tachairt leis an oighreachd ach cha robh iad a-riamh deònach coinneachadh rinn.

"Tha fios gu bheil trioblaidean aca gu sònraichte le na seirbheisean, an dealan, an t-òtrachas agus an t-uisge. Tha sinn air a bhith a' faicinn trioblaidean ann an sin fad bhliadhnaichean."

Fo-thiotal a’ bhidio,

Aonghas Dòmhnallach BP

B' e seanair a' bhuill phàrlamaid ionadail, Aonghas Dòmhnallach, a' chiad cheann-suidhe aig Urras Chlann Dòmhnaill sna seachdadan.

Chan eil teagamh air Mgr Dòmhnallach gu bheil an càirdeas eadar na h-urrasairean, an t-àrd-oifigear agus a' choimhearsnachd "briste" agus chan eil e a' faicinn gu bheil dòigh ann sin a chur ceart.

'S e talamh croitearachd a tha ann am faisg air dàrna leth na h-oighreachd agus tha e ag ràdh gur e glè bheag de theachd a-steach a gheibhear bhon fhearann sin.

"Tha e air a' mhargaidh airson £6,750,000. Tha mi a' smaoineachadh gur e tòrr airgid a tha sin. Chan eil fhios agam an deadh aig neach sam bith a cheannaicheadh e feum a dhèanamh dhen talamh.

"S e mo bheachd pearsanta gum bu chòir dhan airgead sin a bhith air a chosg air a' chaisteal, na gàrraidhean agus an taigh-tasgaidh, 'son sin aon de na prìomh làraichean ann an ceann a deas an eilein.

"Tha e gu math cudtromach do thurasachd. Tha e a' toirt cosnaidh do mhòran dhaoine sa sgìre, agus tha mi a' smaoineachadh gum biodh sin math dha-riribh.

Chuir BBC Naidheachdan fios air Urras Chlann Dòmhnaill agus tha sinn fhathast a' feitheamh ri beachd bhuapa.

Caisteal ArmadailTùs an deilbh, Getty Images

Tha miann ann gun gabh an caisteal, an taigh-tasgaidh agus na gàrraidhean a chumail a' dol agus gur ann ann an làmhan na coimhearsnachd a bhios iad aig a' cheann thall.

Ach bhiodh cnap math airgid a dhìth airson na togalaichean a thoirt gu ìre.

Chaidh innse bho chionn ghoirid gum feumadh an cafaidh aig a' chaisteal dùnadh airson a' chòrr dhen t-seasan agus an togalach sin feumach air càradh.

Dh'iarradh Fearann Coimhearsnachd na h-Alba gum biodh ùine gu leòr aig coimhearsnachd 'son beachdachadh air dè tha iadsan ag iarraidh a dhèanamh ma thèid am fearann far a bheil iad a' fuireach air a' mhargaidh.

Thuirt an t-oifigear conaltraidh aca, Norrie Mac'Illinnein: "Aig an ìre seo bhiodh sinne airson gun deadh stad a chur air reic na h-oighreachd agus gum biodh ùine ann airson daoine beachdachadh air a bheil iad airson pàirt dheth a ghabhail thairis, a bheil iad airson a' mhòr-chuid dheth a ghabhail thairis, a bheil iad airson an caisteal fhaighinn, no a bheil iad airson rudeigin a dhèanamh leis an talamh chroite mar eisimpleir, agus co-dhùnadh a dhèanamh timcheall air na gnothaichean sin.

"Ach 's e an rud a bhiodh cudromach gum biodh dàil ann gus am biodh cothrom ann dhaibh sin a dhèanamh," thuirt e.

A rèir Anndra Prendergast, 's dòcha gu bheil an t-àm ann airson uachdarain ùra, gu h-àraid buidheann aig a bheil airgead airson a chosg air an àite: "Tha faireachdainn ann, 's dòcha, nach biodh cùisean nas miosa na tha iad air a bhith bho chionn bliadhna no dha, 's le sin tha an t-àm ann airson atharrachaidh."