Feum air £1bn a bharrachd a chosg air seirbheisean aiseig

Comhairlichean
Fo-thiotal an deilbh,

Bha dà chomataidh aig CnES anns na Hearadh Diciadain

  • Air fhoillseachadh

Chaidh innse do chomhairlichean nan Eilean Siar gu bheil feum air faisg air £1bn a bharrachd a chosg air aiseagan is bun-structar eadar 2026 is 2031 gus am bi seirbheis aiseig sheasmhach ann san ùine fhada.

Thàinig am fiosrachadh bho àrd-oifigear CMAL, Caoimhin Hobbs, is e a' bruidhinn ri comhairlichean anns na Hearadh Diciadain, far an do dhearbh e cuideachd nach eil a' bhuidheann an dùil an tuilleadh bhàtaichean le siostam connaidh LNG a thogail.

Ged a bha là brèagha ann an Niseaboist, 's e naidheachd rudeigin dubhach a fhuair na buill bho Mhgr Hobbs.

Dh'innis e gun deach £700m a chosg air plana bun-structar CMAL eadar 2021 is 2026.

Tha feum air barrachd a chosg a-nise, thuirt e.

"Fo na measaidhean a rinn sinn is le cosgaisean air èirigh - is ma tha sinn airson aois nam bàtaichean sa chumantas a lùghdachadh gu còig bliadhna deug agus na puirt ùrachadh - tha sinn an dùil gum bi feum air £900m eile a chosg eadar 2026 is 2031.

"Tha e follaiseach cuideachd gu bheil suidheachadh ionmhais romhainn a tha gu math doirbh", thuirt e.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Agallamh le Ùisdean Robasdan

Nochd teagamhan am measg chomhairlichean mu na figearan.

Am measg an fheadhainn a bha droch amharasach, bha cathraiche comataidh na còmhdhail aig CnES.

"Cha creid mi gu bheil e a' dol a thachairt idir", thuirt Ùisdean Robasdan.

"Còmhla ris an ionmhas a th' againnn mar-tha, tha e suas ri £2bn.

"'S e airgead mòr, mòr a tha sineach is tha fhios againn uile air na duilgheadasan a th' ann le airgead calpa an-dràsta."

Thuirt an comh Robasdan cuideachd gum bu chòir do dh'airgead 'son aiseag ùr a thogail do shlighe Loch Baghasdail - LOTI ùr - a bhith na phrìomhachas, is gu bheil e na bhriseadh-dùil nach urrainn dhan phròiseact sin gluasad air adhart gus am bi airgead air a chomharrachadh.

LNG

Thog Mgr Hobbs cuideachd air na bàtaichean connspaideach a thathar a' togail ann an Gàrraidh MhicFheargais.

Tha an MV Glen Sannox is MV Glen Rosa fada air dheireadh is na cosgaisean air èirigh gu £300m - seach £97m mar a bhathar an dùil an toiseach.

Thàinig e am bàrr nas tràithe air a' mhìos gu bheil dàil eile air an Glen Sannox air sgàth siostam connaidh gas LNG an t-soithich.

Thuirt Mgr Hobbs nach eil CMAL an dùil siostam LNG a chleachdadh a-rithist.

"Tha dà bhàta LNG againn is tha fios aig a h-uile duine mun deidhinn.

"Tha na bàtaichean eile a tha sinn a' togail san Tuirc - agus an LOTI ùr a tha sinn a' dealbh - 's e bàtaichean traidiseanta a bhios annta le siostaman connaidh traidiseanta.

"Tha LNG air a bhith soirbheachail ann an àitichean ach tha an gnìomhachas san fharsaingeachd a' gluasad air falbh às a sin", thuirt e.