Taic a bharrachd a dhìth mu choinneimh chosgaisean ionnsaigh saidhbeir CnES
- Air fhoillseachadh
Tha Comhairle nan Eilean Siar den bheachd gum faodadh cosgais na h-ionnsaigh saidhbeir orra an-uiridh èirigh gu còrr air £1m.
A rèir aithisg a tha mu choinneimh chomhairlaichean a tha a' coinneachadh anns na Hearadh Diciadain, tha seirbheisean comhairle fhathast a' fulang agus bheir e mìosan fhathast cùisean a chur ceart.
Tha an t-ùghdarras a' tomhais gun tèid £800,000 a chaitheamh ann an cosgaisean fa leth, is còrr is £300,000 a chosg co-cheangailte ri ùrachadh siostaman.
Sin a dhà uimhir 's a chaidh a thomhais sa Ghiblean.
Thàinig siostaman IT na Comhairle fo ionnsaigh eucoirich Ransomware air an t-7mh là den t-Samhain an-uiridh.
Dh'fhàg sin gun robh luchd-obrach air an glasadh a-mach às a' mhòr-chuid de shiostaman an ùghdarrais.
A rèir Àrd-Oifigeir na Comhaire, Malcolm Burr, fhuair iad taic aig an àm bho Riaghaltas na h-Alba tro sgioba shaidhbeir an Riaghaltais.
A-niste ge-tà, tha e a' sgrìobhadh thuca ag iarraidh cuideachaidh a bharrachd le bhith a' pàigheadh nan cosgaisean mòra a tha an aithisg ùr a' nochdadh a tha a' tighinn orra ri linn na h-ionnsaigh.
Thug an ionnsaigh buaidh mhòr air a' Chomhairle, chan e a-mhàin le smachd a chall air na siostaman IT aca, ach chaidh an t-uabhas fiosrachaidh riatanach à sealladh.
Thug so buaidh air rudan leithid Roinn an Dealbhachaidh far an deach iarrtasan is co-dhùnaidhean planaidh a chall, siostaman ionmhais, siostaman pàighidh, làrach-lìn na Comhairle, agus Cìs na Comhairle, am measg eile.
Tha dùil ri làraich-lìn ùr le foirmichean eileactronaigeach deireadh na Dàmhair.
Cùis Fhoirmeil
Ach a rèir na h-aithisg, tha a' mhòr-chuid de sheirbheisean na Comhairle fhathast gan lìbhrigeadh le dòighean-obrach eadar-amail, 's ged a tha adhartas ga dhèanamh, tha rabhadh ann gu bheil na thachair fhathast a' toirt buaidh mhòir air na 's urrainn dhan Chomhairle a dhèanamh.
Aig a' cheart àm, chaidh innse gun d' fhuair a' Chomhairle brath bho Choimiseanair an Fhiosrachaidh, ag ràdh nach tèid cùis-lagha fhoirmeil a thogail nan aghaidh ri linn na thachair.
Fo lagh GDPR (Riaghailtean Coitcheann Dìon Dàta) b' fheudar dhan Chomhairle fios a chur air Coimiseanair an Fhiosrachaidh nuair a thachair an ionnsaigh.
Ged nach eil lorg fhathast air tòrr den fhiosrachadh a bh' air suirbhearan na Comhairle, chan eil am fiosrachadh air nochdadh air an 'Lìon Dorcha'.
Thèid seo a dheasbad aig coinneimh Comataidh Stòrais na Comhairle, a thèid a chumail feasgar Diciadain ann an Talla na Mara ann an Niseabost anns na Hearadh.
- Air fhoillseachadh30 An Giblean
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh8 An t-Samhain 2023