Bòrd ChalMac "a' dèanamh dìmeas air muinntir nan eilean"

- Air fhoillseachadh
Thuirt ball-pàrlamaid nan Eilean Siar, Torcuil Crichton, gum bu chòir cathraiche bhòrd Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn a dhreuchd fhàgail mura bi e deònach thighinn gu coinneamh èiginneach mu na h-aiseagan an Uibhist a Deas.
Bidh a' choinneamh ga cumail ann an Cnoc Soilleir ann an Dalbrog air an 15mh den Ghiblean.
Tha Mgr Crichton ag iarraidh gum bi Erik Østergaard, a tha a' fuireach san Danmhairg, an làthair agus e den bheachd gum bu chòir dha uallach a ghabhail airson staing nan aiseagan.
"Tha cothrom aige èisteachd ris a' phoball agus an t-eòlas a th' aca fhèin air an t-suidheachadh agus mar a tha iad air a bhith a' fulang, agus na co-dhùnaidhean aige fhèin a dhèanamh às dèidh sin air am bu chòir dha fuireach na dhreuchd no fàgail a dhreuchd mura h-eil e a' toirt seirbheis dha na h-eileanan."
Agallamh le Torcuil Crichton BP
Tha eileanaich a' gearan mu na trioblaidean a th' aca le gainnead aiseagan agus dìth planaidh bho thaobh ChalMac air a' chlàr-ama.
"Tha mar a tha CalMac aig àrd-ìre air dèiligeadh ri muinntir nan eilean suarach. Tha iad a' dèanamh dìmeas air muinntir nan eilean," thuirt Mgr Crichton.
Bha Erik Østergaard roimhe na chathraiche air bòrd CMAL ris a bheil aiseagan ChalMac an urra.
Tha Mgr Crichton ag iarraidh gum bi guth nas làidire aig eileanaich air bòrd ChalMac agus air bòrd CMAL.

Tha Mgr Crichton a' cumail a-mach gur e na co-dhùnaidhean a rinn CMAL a tha a' fàgail gu bheil gainnead aiseagan ann.
"Tha CalMac a' feuchainn ri na h-aiseagan a th' aca a chur timcheall gu diofar phuirt.
"Tha e coltach gu bheil Uibhist is Barraigh a' call a-mach a h-uile turas a tha iad a' dèanamh sin," thuirt e.
Tha Mgr Crichton a' cumail a-mach nach robh Mgr Østergaard air a bhith ann an Uibhist is Barraigh on fhuair e obair mar chathraiche ChalMac.
Thuirt CalMac gun robh Mgr Østergaard air a bhith anns a h-uile eilean anns an lìonra aca, mar phàirt dhe obair le CalMac no CMAL, agus gum bi àrd-oifigearan aca an làthair airson na coinneimh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh10 An Gearran
- Air fhoillseachadh30 An Dùbhlachd 2024
- Air fhoillseachadh5 An t-Ògmhios 2023
- Air fhoillseachadh24 An t-Ògmhios 2023