Gearradh oifigearan Gàidhlig "craicte" a rèir Misneachd
- Air fhoillseachadh
Tha e "craicte" gu bheil cosnaidhean oifigearan leasachaidh Gàidhlig gan gearradh aig àm nuair a tha Bile nan Cànanan Albannach air beulaibh Pàrlamaid na h-Alba, taobh a-muigh.
Sin beachd na buidhne-iomairt Misneachd, is iad ag ràdh gum bi e do-dhèanta am bile a chur an gnìomh gu h-èifeachdach gun na h-obraichean seo a ghlèidheadh agus barrachd a chruthachadh.
Tha Misneachd ag iarraidh air daoine a dhol air an casan is am beachd a dhèanamh follaiseach dhan Riaghaltas.
"Tha sinn a' smaoineachadh gu bheil na h-obraichean seo fìor chudromach don Ghàidhlig. Tha iad riatanach," thuirt Màrtainn Mac a' Bhàillidh bho Mhisneachd 's e a' bruidhinn air Aithris na Maidne Diardaoin.
"Agus tha e car craicte nach eil a leithid, mar a thuirt Rhoda Meek air a' phrògram an-dè, nach eil seo aig teis-mheadhain obair-leasachaidh na Gàidhlig.
"'S e an rud as motha a bha sinne ag iarraidh às a' bhile seo gum biodh na Sgìrean Cànain Sònraichte a tha seo a thathas a' moladh, gum biodh iad sin a' tighinn le oifigear leasachaidh anns gach uard comhairle anns na h-Eileanan le buidseat de £150,000 sa bhliadhna.
"Sin na th' aca ann an Èirinn anns na sgìrean Gàidhealtachd acasan.
"Sin an dearbh rud a tha a dhìth air a' chànan.
"Chan eil e gu diofar cò dha a bhiodh iad ag obair, ach bha sinne ag iarraidh gum biodh na h-obraichean seo air an daingneachadh ann an lagh.
"An-dràsta chan eileas a' moladh airgid a bharrachd sam bith an lùib a' bhile.
"Tha Comataidh an Ionmhais a' coimhead ri seo cuideachd, is tha an ceann-là acasan ann a-màireach.
"Tha iadsan a' faighneachd dè cho comasach 's a tha e am bile seo a chur an sàs gun tuilleadh maoineachaidh?
"Tha e follaiseach dhan a h-uile duine saoilidh mi gu bheil tuilleadh airgid a dhìth gus sìon sam bith a chur an sàs - fiù 's na h-obraichean a th' againn an-dràsta a chumail a' dol, gun luaidh air dleastanasan a bharrachd a thig an lùib a' bhile.
"Saoilidh mi gur e briseadh-dùil a th' ann dhuinn uile - don Bhòrd, do Mhisneachd, do dhaoine anns na coimhearsnachdan, gu dearbha an fheadhainn a tha ag obair anns na coimhearsnachdan - nach deach an t-airgead seo a chur ris a' bhuidseat mhaireannach aig Bòrd na Gàidhlig.
Atmhorachd
"Tha am buidseat sin air a bhith gu math ìosal, 's e £10m a chaidh a mholadh sa chiad dol a-mach air ais ann an 2005.
"Cha d' fhuair iad riamh ach mu chuairt air £5m sa bhliadhna.
"Agus le àrdachadh na h-atmhorachd, tha còir aig siud, fiù 's nam biodh e dìreach a' cumail suas ri ìre na h-atmhorachd, 's e £8.2m a bhiodh ann an-diugh.
"Mar sin tha an t-airgead sin gann. Tha e air a ghearradh gach bliadhna ri linn na h-atmhorachd, agus bha sinn uile an dòchas gum biodh an t-airgead seo air a chur ris a' bhuidseat mhaireannach, agus chan eil sin air tachairt.
"Tha sinn ag aithneachadh gu bheil airgead gann anns a h-uile roinn, ach tha sinn a' bruidhinn air £350,000 a chaidh a ghearradh. Tha an t-airgead sin aca nam biodh iad airson a chosg air a' Ghàidhlig.
"'S e prìomhachasan a th' ann.
"Tha fios mar a tha buidseatan riaghaltais ag obrachadh, agus nam feumadh iad £300,000 a lorg gheibheadh iad e.
"Chan eil sinn a' bruidhinn air suim mhòir an seo idir idir.
"Chan eil cothrom eile gu bhith againn. Tha a' Ghàidhlig air a glùinean anns na h-Eileanan agus feumach air taic an-dràsta," thuirt e.
Comataidhean
Chaidh am buidseat anns an robh an gearradh tron Phàrlamaid an t-seachdain seo.
Tha Misneachd ag iomairt airson 's gun tèid a chur air ais, 's tha iad ag iarraidh air a' phoball taic a thoirt dhaibh.
"Tha Comataidh an Ionmhais a' sgrùdadh a' bhile an-dràsta, agus tha ceann-là ann a-màireach," thuirt Mgr Mac a' Bhàillidh.
"Faodaidh sibh beachdan a chur thucasan ag ràdh nach eil airgead ceart susbainteach air cùl a' bhile seo.
"Agus an uair sin an ath-sheachdain, air an 8mh là den Mhàrt tha Comataidh an Fhoghlaim, sin an ceann-là acasan.
"Mar sin, le bhith a' sgrìobhadh a-steach dha na comataidhean seo, ga dhèanamh soilleir dè tha a dhìth air a' Ghàidhlig, a' bruidhinn ris na buill-phàrlamaid againn, agus a' sgaoileadh fios mun siud.
"Feumaidh sinn an t-airgead seo fhaighinn air ais. Feumaidh sinn na h-obraichean seo a ghlèidheadh, agus barrachd dhiubh a chruthachadh. Tha e riatanach do dh'àm ri teachd na Gàidhlig," thuirt e.
- Air fhoillseachadh28 An Gearran
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh22 Am Faoilleach