Cìs turasachd "cho luath 's a ghabhas"
- Air fhoillseachadh
Tha ceannardan comhairle ann an Alba ag ràdh gu bheil feum air cabhag a chur ann am planaichean gus leigeil leotha cìs turasachd a chur an sàs.
Tha dùil gun cuir buill Holyrood taic Dimàirt ri reachdas gus a' chìs a stèidheachadh.
Fo na molaidhean ge-tà, bhiodh 18 mìosan ann an uairsin airson co-chomhairle a dhèanamh agus siostaman ùra is trèanadh a chur ann an àite, mus rachadh a' chìs a chur an sàs.
Thuirt Cosla gu bheil seo a' ciallachadh nach bi e comasach do dh'ùghdarrasan ionadail cìs turasachd a stèidheachadh ro 2026.
Tha iad ag ràdh gu bheil sin ro fhada.
"Tha sinn a' cur fàilte air an reachdas seo a tha a' leigeil le comhairlean ionadail taghadh dè dìreach a tha iad 'son dèanamh", thuirt Katie Hagmann bho Chosla.
"Tha sinn airson gluasad air adhart leis cho luath 's a ghabhas. Tha e comasach do chomhairlean co-chomhairle a dhèanamh fhad 's a tha sinn a' dol air adhart.
"Tha sinn air a bhith a' bruidhinn mu dheidhinn seo fada gu leòr is chan e rud ùr a th' ann a tha ga sparradh air gnothachasan is coimhearsnachdan.
Soithichean
"Nuair a thèid an reachdas troimhe, bidh e an urra ri comhairlean co-dhùnadh a bheil iad 'son a dhol air adhart le cìs.
"Ma nì iad sin, dh'fheumadh iad a dhol tron phròiseas àbhaisteach co-dhiù le co-chomhairle is eile", thuirt i.
Dh'iarr Cosla cuideachd gun tèid an reachdas a leudachadh gus feadhainn air soithichean mòra turasachd a thoirt a-steach.
Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil an clàr-ama a th' ann a' toirt cothrom do ghnothachasan siostaman ùra a stèidheachadh agus luchd-obrach a thrèanadh air mar a thèid a' chìs a chruinneachadh.
Dh'innis iad gun robh gnìomhachas na h-aoigheachd gu mòr ag iarraidh seo is gun do chuir 16 à 18 ùghdarrasan ionadail a thug seachad freagairt air a' cheist taic ris.
Tha an riaghaltas ag ràdh cuideachd gu bheil iad fosgailte gus cumhachdan a thoirt do chomhairlean cìs air soithichean mòra turasachd a stèidheachadh.
Thuirt iad gu bheil iad a' coimhead ris a' chùis is ag obair còmhla ri Cosla agus na h-ùghdarrasan ionadail.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh10 An t-Samhain 2022
- Air fhoillseachadh11 An t-Samhain 2022
- Air fhoillseachadh1 An t-Samhain 2019
- Air fhoillseachadh13 An Dùbhlachd 2018
- Air fhoillseachadh2 An Dàmhair 2018