LOTI ùr: Feum air "pròiseas cothromach, laghail is earbsach"

MV Lord of the Isles
  • Air fhoillseachadh

Tha buidheann a tha a' riochdachadh luchd-gnothaich ann an Uibhist ag ràdh gu bheil e deatamach nach toir "cleas poilitigeach" buaidh air a' phròiseas gus aiseag ùr fhaighinn dhan eilean.

Bha John Daniel Peteranna bho Bhuidheann Buaidhe Ghnothachais Uibhist a Deas a' bruidhinn agus iomairt air tòiseachadh feuch gun tèid aiseag ùr a thèid an àite an MV Lord of the Isles a thogail aig Gàrradh MhicFhearghais air Abhainn Chluaidh.

'S e aonadh an GMB a tha air cùl na h-iomairt is iad air sgrìobhadh gu Prìomh Mhinistear na h-Alba is taic aca mar-thà bho ghrunn riochdairean coimhearsnachd ann an Inbhir Chluaidh.

Tha iad ag ràdh gum bu chòir dhan chùmhant a dhol gu dìreach dhan ghàrradh às aonais pròiseas tairgse a bhith ann mar dhòigh air an gàrradh a chumail fosgailte is dreuchdan an luchd-obrach a ghlèidheadh.

A' bruidhinn ann an Uibhist sa Ghiblean, thuirt Rùnaire na Còmhdhail gum bi maoineachadh sa bhuidseat an ath-bhliadhna airson bàta-aiseig ùr do dh'Uibhist a Deas a chur a-mach gu tairgse.

Ann am brath Diluain, tha Buidheann Buaidhe Ghnothachais Uibhist a Deas ag ràdh gur e poileataigs a bha air cùl a' chùmhnaint a fhuair Gàrradh MhicFhearghais ann an 2015 gus an MV Glen Sannox is MV Glen Rosa a thogail.

Chan urrainn dha tachairt a-rithist, tha iad ag ràdh.

"Dh'fhàg na co-dhùnaidhean a bha sin, a bha stèidhichte barrachd air poileataigs seach adhbharan pragtaigeach, gun robh dàil uabhasach is cosgaisean mòra ann, rud a tha fhathast a' toirt buaidh air na h-Eileanan an Iar," thuirt John Daniel Peteranna bhon bhuidhinn.

"Tha co-fhaireachdainn againn dhan luchd-obrach sgileil ann am Port Ghlaschu agus tha sinn mothachail air cho cudromach 's a tha e gun tèid togail bhàtaichean a ghlèidheadh air Chluaidh, ach chan urrainn coimhearsnachdan is dòigh-beatha eileanach a chur ann an cunnart gus sin a choileanadh.

"'S e teachdaireachd sgràthail a bhiodh ann dha na coimhearsnachdan againn nan rachadh na feumalachdan aiseig againn a chleachdadh air adhbharan poilitigeach."

Thog Mgr Peteranna air an Glen Rosa fhèin, a bha còir bho thùs a bhith a' frithealadh air Uibhist is na Hearadh, mar eisimpleir air na a' tachairt nuair a tha "poileataigs a' faighinn làmh an uachdair air pròiseas ceart".

Chan eil an Glen Rosa deiseil fhathast is bidh i a' frithealadh air Arainn nuair a thig i a-steach gu seirbheis.

'S e dà bhàta ùr a thathar a' togail san Tuirc a bhios a' seòladh eadar an t-Eilean Sgitheanach is Uibhist a Tuath is an Hearadh.

Tha an Lord of the Isles ùr deatamach dha Uibhist, thuirt Mgr Peteranna, is tha feum oirre cho luath 's a ghabhas agus tro phròiseas a tha "cothromach, laghail is earbsach".

Bidh coimhearsnachdan a' faireachdainn "air an treigsinn" mura tèid am pròiseas a ruith mar a tha iad ag iarraidh, tha a' bhuidheann ag iomairt ag ràdh.

Bha Còmhdhail Alba mar-thà air freagairt dhan iomairt aig an GMB.

"'S e margaidh fharpaiseach eadar-nàiseanta a th' ann an togail bhàtaichean is dh'fheumadh cùmhnant poblach sam bith a bhith air a thoirt seachad gu dìreach taobh a-staigh nan riaghailtean a th' ann is sàbhailte bho dhùbhlan laghail", thuirt fear-labhairt.

"Bidh ministearan a' coimhead air gach cùis fa-leth, a' gabhail a-steach an Lord of the Isles, gus co-dhùnadh dè an t-slighe a tha freagarrach is laghail, le sùil cuideachd air buannachd dhan choimhearsnachd.

"Fo na riaghailtean a th' ann, chan eil e comasach cùmhnant a thoirt seachad gu dìreach ach ann an suidheachadh glè shònraichte.

"Tha sinn an-dràsta a' meòrachadh air a' chùis ghothachais agus na h-ath cheumannan a thaobh bàta ùr a thèid an àite an MV Lord of the Isles is dearbhaidh sinn iad seo fhathast".